Cunntas-obrach ball den sgioba

Johanna

Na obraich còmhla ri clann no beathaichean?

Obraich còmhla riutha an-còmhnaidh! Sin bho tè air an do shuidh cù Naomh Bernard uair is sinn a' togail dhealbhan – eubh!

Comhairle mun obair

Cùm fiamh a' ghàire agus biodh poca shiùcairean agad ri làimh airson nuair a dh'fhàsas cùisean dòirbh.

Ìomhaigh rèidio

Johanna Hall

Riochdaire Rèidio

Dleastanasan

A' lorg agus ag obrachadh còmhla ri sgrìobhadairean sgriobt. A' feuchainn chleasaichean airson pàirtean agus a' taghadh an neach as fheàrr airson an caractar a chluich. A' clàradh na thèid dhan phrògram. Ag obair còmhla ris an innealadair fuaim airson cleasaichean a chlàradh anns an stiùidio. A' cur fuaim no ceòl a bharrachd ri na thèid a chlàradh anns an stiùidio. A' toirt gach pìos ri chèile ann am prògram do sgoiltean.

Prìomh uidheamachd

Sgriobt math, sgioba agus cleasaichean math agus a bhith comasach air gàire a dhèanamh!

Clàr-obrach

Dh' obraich mi air measgachadh mòr de phrògraman rèidio, a' preseantadh, a' riochdachadh agus uaireannan a' dèanamh teatha! Riochdaich mi làrach-lìn do gach aois bho Na Tweenies gu feadhainn airson deugairean. Sgrìobh mi sgriobtan airson a' phrògraim telebhisein Balamory cuideachd.

Pròiseact as inntinneach air an do dh'obraich thu bho chionn ghoirid

Na prògraman rèidio mu Shìona, nach eil fhios agad! Sgriobtaichean sgoinneil agus e spòrsail a bhith ag obrachadh orra. Bha stiùidio mìorbhaileach ùr dràma againn an turas seo cuideachd. Mar sin, dh' atharraich mi fear de na sgriobtaichean gus am faigheamaid air an greabhal anns an stiùdio a chleachdadh airson fuaim ruith a dhèanamh. Uill, ma tha an stuth agad…

Coinnich ris a' chòrr den sgioba

dàng àn

(g. tasglann)

  • DiD
  • DiL
  • DiM
  • DiC
  • DiA
  • DiH
  • DiS
  •  
  •  
  •  
  •  
  •  
  •  
  • 1
  • 2
  • 3
  • 4
  • 5
  • 6
  • 7
  • 8
  • 9
  • 10
  • 11
  • 12
  • 13
  • 14
  • 15
  • 16
  • 17
  • 18
  • 19
  • 20
  • 21
  • 22
  • 23
  • 24
  • 25
  • 26
  • 27
  • 28
  • 29
  • 30
  • 31
  •  
  •  
  •  
  •  
  •  

 

jiā pŭ

(g. an sgioba riochdachaidh)

An sgioba riochdachaidh

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.