
Sgudal! 'S e là obrach math dha-rìribh a bh' ann a bhith a' clàradh clann a' làimhseachadh laghairt aig Sutha Dhùn Èideann airson prògram do chloinn aois 7-9.
Foighidinn agus siùcairean.
Riochdaire Rèidio
Nuair a cho-dhùineas am BBC gu bheil iad ag iarraidh prògram air cuspair sònraichte, tha e an urra riumsa obrachadh a-mach dè bu chòir a dhol dhan phrògram agus dè dh'fheumas mise a chruthachadh airson a thoirt gu bith.
Airson seo a dhèanamh, feumaidh mi uaireannan sgrìobhadairean agus cleasaichean a lorg agus sgriobtan a chlàradh ann an stiùidio. Uaireannan eile, 's e preseantair agus eòlaichean air a' chuspair a tha a dhìth. Feumar rannsachadh a dhèanamh air a' chuspair mus tèid agallamh a chlàradh. Bidh mi an uairsin a' sgrìobhadh agus a' clàradh sgriobt còmhla ris a' phreseantair agus a' gearradh an stuth gus prògram a dhèanamh. Bidh mi tric a' cur ceòl no fuaimean ris a' phrògram gus am bi e inntinneach èisteachd ris.
Clàradair Nagra agus bataraidhean gu leòr.
Thòisich mi ag obair aig a' BhBC ann an Roinn an Ionnsachaidh mar Neach-cuideachaidh Rèido. Tha mi air an t-uabhas a dhèanamh o nuairsin; a' riochdachadh agus a' stiùireadh prògraman telebhisein. Tha mi an-dràsta ag obair nam Riochdaire Rèidio. A' dèanamh prògraman do Radio Scotland agus Radio 4.
Bha na prògraman rèidio mu Shìona dùbhlanach ach chòrd e rium gu mòr gu robh dràma air a mheasgachadh le fiosrachadh eile annta airson diofar phàirtean den sgeulachd innse. Chòrd e rium a bhith a' taghadh clann airson na prìomh caractaran a chluich (bha mi a' faireachdainn coltach ri Simon Cowell ach tha mi an dòchas gu robh mi snog). Agus bha spòrs againn a' clàradh nan dràmathan anns an stiùdio.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.