Derby, 1745. Seo thu an teis meadhan dùthaich do nàimhdean.
An dùraig thu leantainn air adhart a Lunnainn agus buaidh? No an till thu a dh’Alba fhad ’s a tha an cothrom fhathast agad? Roghnaich thusa!
Am Morair Seòras Moireach, Seanalair Arm nan Seumasach
Ur Mòrachd, tha sinn air tighinn cho fada ’s as urrainn dhuinn. Tha na saighdearan sgìth agus tha an t-acras orra agus tha sinn fada bhon taigh. Chan eil na Sasannaich deònach sabaid air ar son agus cha toir na Frangaich cuideachadh dhuinn. Thathas a’ bruidhinn air arm mòr a tha a’ feitheimh gus ar glacadh agus dà arm eile a’ tighinn oirnn bhon taobh tuath. Mura fàg sinn an-dràsta thèid ar glacadh is ar marbhadh! FEUMAIDH sinn tilleadh a dh’Alba!
Iain O’Sullivan, Oifigear ann an Arm nan Seumasach
Tha sinn gu bhith ann! Beagan làithean agus bidh sinn ann an Lunnainn! Ma bheir sinn ionnsaigh air Lunnainn leigidh iad bhuaidhe agus bheir iad an crùn air ais gu d’ athair! Tha eagal am beatha orra ann an Lunnainn! Chan eil mise a’ creidsinn gu bheil arm a’ feitheamh oirnn shìos an sin idir. Breugan! FEUMAIDH sinn cumail oirnn!
Dudley Bradstreet
Ur Mòrachd, ’S e Sasannach a th’ annamsa agus Seumasach dìleas. Thàinig mi à Lunnainn a thoirt rabhadh dhuibh mu arm mòr a tha a’ feitheamh gus ar glacadh ma bheir sibh ionnsaigh air a’ bhaile. Feumaidh sibh tilleadh air ais a dh’Alba fhad ’s a tha tìde agaibh.
Litir bho Iain Daniel, Seumasach à Sasainn
’S e Iain Daniel an t-ainm a th’ ormsa. Ged as e Sasannach a th’ annam tha mi a’ creidsinn gur e na Stiùbhartaich fìor rìghrean Bhreatainn agus chan e am prionnsa Gearmailteach seo! Mo nàire gu bheil cho beag de Sheumasaich ann an Sasainn deònach sabaid. Saoilidh mise gu bheil iad a’ feitheamh a dh’fhaicinn cò bhuannaicheas mus toir iad taic do dhuine sam bith. Ach tha mise daingeann! Nì mi mo dhìcheall – buaidh no bàs!
Litir bho dhuine ann an Derby
Anthony chòir, tapadh leat airson do litreach. Tha arm nan Seumasach an seo ann an Derby a-nis.Tha iad ann an staid eagallach. Tha cuid aca uabhasach aosta, cuid gu math lag agus cuid eile ro òg. Bha beachd tòrr na b’ fheàrr agam air arm nan Seumasach mus faca mi iad! Chan fhaigh iad cuideachadh sam bith bhuamsa! Do charaid, Simon. Derby.