Mar a chaidh dhut

An naidheachd mhath an toiseach! Tha thu air Lunnainn a ghabhail thairis! Rinn thu na b’ fheàrr na Ar-a-mach Seumasach sam bith eile!
Ach a-nis an droch naidheachd! Chan urrainn dhut am baile a chumail ach airson beagan làithean. Chan eil na Sasannaich deònach taic a thoirt dhut. Tha airm Bhreatainn a’ ruighinn Lunnainn agus tha mòran a bharrachd shaighdearan acasan na th’ agadsa. Chan eil càil ann a nì thu ach teicheadh air ais a dh’Alba.
Mar a chaidh don Phrionnsa Teàrlach
Cha tug am Prionnsa Teàrlach agus na Seumasaich ionnsaigh air Lunnainn. ’S ann a thill iad a dh’Alba. Math fhèin! Rinn thusa mòran na b’ fheàrr! Nach cluich thu a-rithist agus tagh roghainn eile a dh’fhaicinn dè an ath rud a thachair do na Seumasaich?

