An Fhraing, 1745. Ar-a-mach Seumasach a’ tòiseachadh?

Mar a chaidh dhut
Buaidh!
Le dìreach beagan airgid agus seachdnar dhaoine tha thu air a’ Ghàidhealtachd a ruighinn. Tha cuid de na fineachan deònach do leantainn. Tha cuid eile dìleas do Riaghaltas Bhreatainn agus chan eil iad deònach do leantainn. Ach, cuimhnich nach eil agad ach arm beag. FEUMAIDH tu a bhith faiceallach!
Mar a chaidh don Phrionnsa Teàrlach
Seo dìreach na rinn am Prionnsa Teàrlach! A dh’aindeoin a’ chunnairt chaidh e a dh’Alba gun taic sam bith. Chaidh leis!

