BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Na Seumasaich.  Ar-a-mach 1745.

BBC Homepage
Scotland Home
Alba
Foghlam
»

Na Seumasaich

Flash
HTML
Leabhar Fiosrachaidh
Tidsearan

 

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 

Prestonpans, 1745. Tha na h-airm deiseil airson a’ bhlàir!

Ma chailleas tu am blàr seo bidh an t-Ar-a-mach seachad! Dè nì thu?

Prestonpans

Am Morair Seòras Moireach, Seanalair Arm nan Seumasach

Seo deagh àite airson ionnsaigh. Tha an talamh freagarrach do na saighdearan againn agus faodaidh iad dol sìos air an nàmhaid. Ma bhuannaicheas sinn am blàr seo gheibh sinn smachd air Alba gu lèir! FEUMAIDH sinn am blàr seo a shabaid!


Mullach

Iain O’Sullivan, Oifigear ann an Arm nan Seumasach

Cha toil leam an t-àite seo – tha an talamh ro chòmhnard agus ro fhosgailte. Thèid na saighdearan againn a reubadh as a chèile le peilearan an nàmhaid anns an dol sìos. Chan urrainn dhuinn blàr a chall. Ma chailleas sinn bidh a h-uile càil seachad! Dèanamaid ratreut agus cuiridh sinn cath air latha eile!


Mullach

Seumas Dòmhnallach, Saighdear Seumasach

Tha eagal mo bheatha orm. Tha mi glè dheònach sin aideachadh. Cha robh mi a-riamh ann an cath roimhe agus chan eil mi ag iarraidh bàsachadh. Chan eil mi fiù cinnteach carson a tha sinn a’ sabaid agus tha mi fada bhon taigh. Nì mi mar a thèid iarraidh orm. Bidh mi a’ sabaid. Bidh mi a’ sabaid airson mo chinnidh agus mo Phrionnsa. Cha thrèig mi iad. Bidh mi fearail.


Mullach

Litir bho Shaighdear ann an Arm Bhreatainn

A Mhàili a ghràidh, tha cùisean gu math dona an seo. Tha na Seumasaich air arm a thogail agus tha dùil gun coinnich sinn riutha a-màireach air taobh muigh Dhùn Èideann. Chan eil an t-arm againne ach beag agus tha a’ mhòr-chuid aca air an leòn agus sgìth. Chan eil dealas aig duine againn dha. Tha mi an dòchas gu faic mi thu a-rithist anns a’ bheatha seo. O mar a tha mi gad ionndrainn! Le gaol, Calum.


Mullach

Dè a nì thu!


Sabaid!


Ratreut!


Theirig don Leabhar fiosrachaidh



About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy