An Fhraing, 1745. Ar-a-mach Seumasach a’ tòiseachadh?

Am Morair Seòras Moireach, Seanalair Arm nan Seumasach
Ur Mòrachd, ’s e gòraich a th’ ann Ar-a-mach Seumasach a thogail an-dràsta airson crùn bhur n-athar. Feumaidh sinn saighdearan, armachd agus airgead – agus chan eil dad againn. Ma thèid sibh a dh’Alba falamh is cinnteach gu fàillig an t-ar-a-mach! Feumaidh sinn cuideachadh bho na Frangaich! FEUMAIDH sinn feitheamh orra! Bu chòir dhuinn FEITHEAMH!



Iain O’Sullivan, Oifigear ann an Arm nan Seumasach
Ur Mòrachd, ma dh’fhuiricheas sinn gun tig cuideachadh bho na Frangaich airson an crùn fhaighinn air ais bidh sinn a’ feitheamh gu bràth. Bu chòir dhuinn ar-a-mach a thogail anns a’ bhad! Tha Breatainn is an Fhraing a’ sabaid a chèile- tha na h-airm aca uile san Roinn Eòrpa! Ma sheallas sinn gu bheil sinn daingeann BIDH na Frangaich deònach ar cuideachadh! FEUMAIDH sinn a dhol a dh’Alba!



Litir taice do na Stiùbhartaich
Ur Mòrachd, Tha mise à Manchester agus ’s e Seumasach a th’ annam. Tha an teaghlach agam air a bhith dìleas do na Stiùbhartaich fad iomadh bliadhna. Is eagallach mar a tha cùisean air a dhol bhon a chuir a’ Phàrlamaid aingidh againn bhur seanair fhèin, an deagh Rìgh Seumas, thall thairis. Is gann gun fhuiling mi smaoineachadh air na rìghrean coimheach sin a’ riaghladh Alba agus Sasainn! An toiseach bha rìgh Duitseach againn agus a-nis tha fear Gearmailteach ann! Chan eil fiù Beurla aige! ’S e bhur n-athair fhèin an rìgh dligheach! Tha fadachd orm gus an till na Stiùbhartaich mar fhìor Rìghrean Bhreatainn! Nì mise na dh’iarras sibh orm. Le spèis agus urram, Tòmas Appleby.



Litir an aghaidh nan Stiùbhartach
A Dhuin Uasail, ’S e fear de mhuinntir Ghlaschu a th’ annamsa. Tha naidheachd a’ dol timcheall a’ bhaile mhòir seo gu bheil na Stiùbhartaich an dùil tilleadh a dh’Alba. Tha mi an dòchas nach eil seo fìor. Tha Alba air a bhith fada nas fheàrr bhon a theich an teaghlach agaibhse. A-nis ’s e nàisean pròiseil a th’ annainn air aonadh le Sasainn ann am Breatainn. Cha robh sinn a-riamh na bu bheartaiche no na bu chumhachdaiche agus cha d’fhuair sinn riamh uiread spèis air feadh an t-saoghail. ’S e na ceannardan ciallach againn a rinn seo. Tha e tàmailteach mar a thug na Stiùbhartaich dòrainn agus cogadh sìobhalta air ar muin. Cumaibh air falbh bhuainn agus fuirichibh anns an Fhraing! Is mise, Dùbhghlas Melville.



Dealbh bhur n-athar, Seumas Frangan Stiùbhart
B' e Seumas Frangan Stiùbhart mac an Seachdamh rìgh na h-Alba (dàrna rìgh Sheumais à Sasainn) – an rìgh Stiùbhartach mu dheireadh. Bha mòran dhaoine fhathast a’ smaoineachadh gur e Seumas Frangan fìor Rìgh Shasainn agus na h-Alba. Fhuair e am far-ainm "Old Pretender" airson gu robh e ag ràdh gu robh còir aige air crùn Shasainn agus crùn na h-Alba. B’e ‘Young Pretender’ a bh’ aig daoine air a mhac, Teàrlach Eideard Stiùbhart (Bonnie Prince Charlie). Dh’fheuch Seumas Frangan fhèin ar-a-mach ann an 1715 ach dh’ fhàillig e mus robh e air tòiseachadh ceart.



Glob den chruinne-cè
Ann an 1745 b’ e Breatainn aon de na dùthchannan bu chumhachdaiche anns an t-saoghal. Bha ìmpireachd mhòr aice agus bha i air fàs glè bheairteach tro mhalairt. Cuideachd, bha arm agus cabhlach glè mhòr aice. Anns na 1740an bha Breatainn air a bhith ann an cogadh an aghaidh an nàmhaid as eagalaiche aice – an Fhraing. Gheall na Frangaich gun toireadh iad taic don Ar-a-mach Sheumasach ann am Breatainn.


Dè a nì thu!





