|
  |
 |
 |
|
 |
 Litir Phearsanta - Duais gun dùil
|
Ros, a charaid,
Fhuair mi am fios e-phost agad an-diugh. Tha mi toilichte cluinntinn gu
bheil thu a dol gu taigh ùr agus tha mi an dòchas gun
còrd e riut.
Bha mi aig a Mhòd air an t-seachdain seo chaidh. S e
seòrsa de fhèis Ghàidhlig a tha anns a Mhòd
far am bi daoine a feuchainn cò as fheàrr air seinn
agus rudan mar sin.
Cha robh càil a dhùil agam pàirt a ghabhail ann an
toiseach. Ach chuala sinn gun robh còisir a bhaile a
dol chun a Mhòid agus chuir Sìne mise a bhruidhinn riutha
airson Ioma-rud.
Sheinn mi còmhla ris a chòisir gus am biodh fios agam
co ris a bha e coltach. S e òran slaodach, brònach a
bha anns a chiad òran ach, ged a bha e doirbh an toiseach,
dh ionnsaich mi e. An uair sin sheinn sinn an dara òran. S
e òran aotrom airson dannsa a bha anns an dara òran. Bha seo
tòrr na b fhasa agus chòrd e rium na b fheàrr.
Thàinig fear a chòisir suas faisg orm turas no dhà
agus dhaithnich mi gun robh e ag èisteachd rium. A rèir
choltais bha an t-seinn agam a còrdadh ris. Nuair a bha sinn
deiseil, thuirt e (Fear achòisir) rium gun robh guth seinn
uabhasach math agam agus gum bu chòir dhomh a dhol a-steach airson
nan co-fharpais seinn aig a Mhòd.
Cha robh fhios agam dè dhèanainn ach nuair a dhfhaighnich
mi do Shìne agus do Dhonaidh, thuirt iad rium gum bu chòir
dhomh fheuchainn. Chaidh mi a dhiarraidh cuideachadh air Mgr MacDòmhnaill.
S e seinneadair ainmeil a tha ann. Fhuair e fhèin am Bonn Òir
airson seinn aig a Mhòd agus bidh e a-nise ag ionnsachadh dhaoine
eile.
Bha mi glè iomagaineach a dol gu Mgr MacDhòmhnaill oir
bha eagal orm nach robh mi math gu leòr air seinn. Bha mo chridhe
nam uchd a dol suas chun an dorais aige a chiad turas. Ach bha
e uabhasach laghach agus chuidich e mi gu mòr. Thagh mi òran
a hiodh mo sheanair a seinn dhòmhsa nuair a bha mi beag. Thug
e orm tòrr obair a dhèanamh, ag ullachadh an òrain,
agus bha mi a fàs glè shàraichte mu dheireadh.
Agus, nuair a bha mi air an t-òran ionnsachadh cho math s a
burrainn dhomh, bha fhathast ullachadh agam ri dhèanamh. B
i a cheist a-nise, dè a chuirinn orm? Dh fhaighnich mi
do Shìne agus thuirt i gum feamainn fèileadh agus, ged a bha
Donaidh ag ràdh gun robh mo ghlùinean cnapach, s e sin
a rinn mi.
Chaidh mi gu bùth nam fèilidhean. Thomhais iad mi agus rinn
iad fèileadh snog dhomh. Tha mise a smaoineachadh gun robh
mi a coimhead glè shnog agus bha Sìne ag aontachadh
leam. Cha robh Donaidh ge-tà! Ach bha mise coma. Bha mi a-nise deiseil
airson mo chiad Mòid!
Mu dheireadh thàinig latha a Mhòid. Chaidh mi ann
tràth oir cha robh mi idir a faireachdainn dòigheil.
Bha eagal orm nach biodh cuimhne agam air na faclan no gun dèanainn
mearachd a seinn... no gun deigheadh rudeigin eile ceàrr.
Agus chaidh rudeigin ceàrr cho luath s a ràinig mi.
Chaidh mi airson cupa cofaidh agus cèic agus bha mi a tilleadh
gun talla na mo chabhaig nuair a thàinig mi timcheall oisein agus
bhuail mi ann an duine a bha a dol an rathad eile. Thuit na pàipearan
a bha aige na làimh. Cha robh e idir air a dhòigh. Chunnaic
mi gun robh an t-òran agamsa am measg a phàipearan agus
bha e air sgrìobhadh air gun robh e sgìth dheth.
Ma bha mi mì-dhòigheil roimhe sin, bha mi tòrr na
bu mhiosa a-nise. Cha d fhuair mi mo chofaidh s mo chèic
agus, as dèidh mar a thachair leis a bhodach, cha robh mi
idir deiseil airson a dhol a sheinn.
Ach bha an uair air tighinn s cha robh dà dhòigh
air. Dh èigh iad mainm agus choisich mi suas chun na
stèids. Bha mo bheul a faireachdainn tioram s bha mi
a smaoineachadh nach b urrainn dhomh facal a sheinn. Cha do
sheall mi mun cuairt orm gus an do ràinig mi an-àird air
an stèids. Thug mi sùil air a bhritheamh a bha na
shuidhe aig bòrd leis fhèin. Cò bhann ach an
duine a leag mi air mo rathad chun an talla! Bha am pàipear le
facail m òrain mu choinneimh air a bhòrd. Bha
mi an dòchas nach do dh aithnich e mi.
Cha robh e deiseil fhathast s thug mi sùil eile mun cuairt.
Chunnaic mi gun robh Sìne agus Donaidh anns an talla cuidechd.
Dh fhàg sin na bu mhiosa buileach mi. Bha mi air chrith.
An uairsin dh iarr am britheamh orm seinn.
As dèidh dhomh seinn bha agam ri feitheamh gus an robh na seinneadairean
eile air seinn agus gus an robh am britheamh deiseil. S e sin a
phàirt a bu mhiosa.
Mu dheireadh chaidh am britheamh suas air an stèids. Dhinnis
e dè na comharran a fhuair a h-uile duine agus thuirt e gur e mise
a b fheàrr a rinn.
Bha Mgr MacDhòmhnaill uabhasach toilichte. Bha fiù s
Donaidh toilichte. Bha mi fhèin air mo dhòigh cuideachd
ach gu h-àraidh bha mi toilichte gun robh a h-uile càil
seachad.
Sin an rud mòr a thachair dhòmhsa an t-seachdain seo.
Sgrìobh thugam a dh innse dhomh ciamar a chòrdas
an taigh ùr riut.
Le gach deagh dhùrachd,
Do cho-ogha Ruairidh.
|
 |
 |
|
|