|
 |
 |
 |

Prògram
1 Abair Spòrs
Airson leabhar-aithris, cuimhnich:
- Sgrìobh mu thachartasan anns an òrdugh anns an do thachair
iad.
- Innis:
cò bha ann
cuin a thachair e
càite an robh thu
dè thachair
cleachd an trath caithte.
Prògram 2 - Tè ris nach robh dùil
Tha rud neo dhà a dhfheumas tu
a chumail nad chuimhne. Feuch gum faigh thu a-mach:
cò ris a bha an tè a chaidh fhaicinn coltach.
cò a chunnaic i
cuin a bha i ann
càite an robh i
dè bha i a dèanamh?
Tha e uabhasach cudromach gum faigh thu na rudan sin a-mach oir s
e sin a bhitheas an luchd-leughaidh airson a leughadh.
Prògram 3 Bho bùrach gu bhonnach
Tha reasabaidh ann airson adhbhar. Tha e ag
innse dhut:
na stuthan a tha a dhith ort.
tha ceumanan ann airson gach rud a dhfheumas tu a dhèanamh
feumaidh tu na ceumanan sin a leantainn ann an ordugh.
Tha reasabaidh cuideachd ag innse dhut de an teas aig am feum an amhainn
a bhith, agus de cho fads a dhfheumas a cheic a bhith
san amhainn.
Prògram 4 Cuidich sinn
Cha toigh leis na sgoilearan am biadh. Tha
iad airson biadh nas fhearr fhaighinn. Uill, feumaidh iad litir a
sgriobhadh ag innse carson nach toigh leotha am biadh agus de seòrsa
biadh a tha dhìth orra. Feumaidh iad cuideachd a bhith cinnteach
gu bheil fianais aca gu bheil cuisean cho dona s a tha iad ag
radh.
Prògram 5 - Fèill is fealla-dhà
Ma smaoinichas tu air, aon de na prìomh
rudan a tha postair dhen t-seòrsa sin a feuchainn ri dhèanamh,
s e a bhith a toirt a chreidsinn ort gu bheil feum agad
air an rud a tha iad ag iarraidh a reic riut.
Prògram 6 - Aithisg na sìde
Aithisg - sgrìobhadh far a bheil thu
a rannsachadh mu rud agus an uairsin tha thu ag innse do dhaoine
eile dè fhuair thu a-mach gus am bi fhios acasan mu dheidhinn.
Prògram 7 Mìneachadh
Airson aithisg a sgrìobhadh, feumaidh an toiseach ro-ràdh
a bhith agad airson innse co ma dheidhinn a tha thu a sgrìobhadh.
Aon uair is gu bheil fiosrachadh agad, feumaidh tu am fiosrachadh sin
a chuir ann an òrdugh a tha ciallach. Tha sin gu math cudthromach.
Bithidh e nas fhasa ma chleachdas tu faclan mar:
an toiseach
an uair sin...
an ath rud...
às dèidh sin...
aig an aon àm...
gus a bheil...
aig an deireadh
Cuidichidh na faclan sin thu gus an t-òrdugh cheart a sgrìobhadh.
Prògram 8 A choiseachd mhòr
Tha airteagail Ruairidh airson daoine nach
robh riamh air an t-Slighe seo iad fhèin. S dòcha
nach eil fhios aca càite a bheil i. S e cunntas-pearsanta
a tha ann a tha ag innse co ris a bha e coltach.
Prògram 9 Duais gun dùil
Cuimhnich:
co dhà a tha thu a sgrìobhadh
carson a tha thu a sgrìobhadh thuige
innis a h-uile càil a thachair ann an òrdugh
innis ciamar a bha thu a faireachdain aig gach àm.
Prògram 10 Am peann òir Tha mi a leughadh an leabhar-latha agam
airson fiosrachadh fhaighinn mu na rudan a thagam ri dhèanamh
agus càite bheil agam ri dhol gach là. Uaireannan, bidh
sgrìobhadh mu fhaireachdainnean ann an leabhar-là.
|
 |
 |
|

|