|
  |
 |
 |
|
 |
   |
Chuir mi fhèin agus Sìne bho
Ioma-rud romhainn gun coisicheadh sinn fad Slighe na Gaidhealtachd an Iar
air an t-seachdain seo chaidh airson airgead a thogail do chloinn aig nach
eil dachaigh. Tha a' chuairt seo 152 cileameatair a dh'fhaid, on Ghearastan
ann an Lochabar gu Muileann Dhàibhidh faisg air Glaschu. Bha sianar
eile còmhla rinn.
Bha mi a' coimhead air adhart ris a' chuairt nuair a dh'fhalbh sinn às
a' Ghearastan madainn Diluain, le pocannan mòra troma air ar druim.
A' chiad Latha
Cha robh a' chiad latha ro dhona idir. Bha a' ghrian ann ach cha robh
i ro bhlàth airson coiseachd agus cha robh an t-uisge idir ann.
Uaireannan bha againn ri leathadan cas a dhìreadh agus bha sin
duilich ach bha e math a bhith a' cromadh air ar socair sìos an
taobh eile. Bha na h-eòin a' ceileireadh gu binn. Chunnaic sinn
fèidh pìos bhuainn turas no dhà.
Ro dheireadh an latha bha mi glè sgìth. Ach bha mi a' smaoineachadh
gum biodh e a' fàs na b' fhasa mar a b' fhaide a bha sinn a' dol.
'S beag a bha a dh'fhios agam dè bha romham!
An t-Uisge
An ath latha, thòisich an t-uisge.
Nuair a stad sinn airson grèim bidhe aig meadhan-latha, bha na
frasan air fàs gu math trom 's bha e duilich dhuinn ar pìosan
a chumail tioram. Bha i a' fàs na bu mhiosa 's na bu mhiosa mar
a bha am feasgar a' dol seachad gus mu dheireadh nach robh i a' stad idir.
Bha an dìle bhàithte ann a-nise. Bha an t-uisge a' sruthadh
sìos m'aodann 's a' dol na mo shùilean.
Bha an rathad a' fàs glè bhog agus pollach fo ar casan
agus aon turas nuair a bhris mi pìos beag on cheum, chaidh mi fodha
gu mo ghlùin ann am boglaich.
Mu dheireadh stad an t-uisge. 'S an uairsin thòisich a' mheanbh-chuileag!
Bha sgòthan dhiubh timcheall òirnn. Air an làimh
eile, cha robh iad a' bìdeadh Sìne idir, a rèir choltais.
'S ann a bha mi a-nise an dòchas gun tilleadh an t-uisge gus am
falbhadh na cuileagan ach cha do thill.
Beinn Dòbhrain
An ath latha bha an t-sìde na b' fheàrr. Bha sinn a-nise
a' dol tarsaing air mòinteach fhada fraoich agus tro ghlinn uaigneach.
Bha beanntan àrda mun cuairt òirnn. Thuirt Sìne gun
robh sinn a' dol seachad air Beinn Dòbhrain agus gun robh òran
ainmeil ann mu dheidhinn. Ach cha do shaoil mise ach gun robh i mar beinn
sam bith eile.
Bha mo chasan a' fàs glè ghoirt a-nise on a bha mo bhrògan
coiseachd ro bheag dhomh. 'S bha mi a' fàs uabhasach sgìth.
Taobh Loch Laomainn
As deidh latha eile, ràinig sinn Loch Laomainn. Ged a bha mi cho
sgìth agus mo chasan cho goirt, cha b' urrainn dhomh gun mothachadh
cho brèagha 's a bha an loch seo.
A dh'aindeoin sin, dh'fhàs mi sgìth fiù 's do Loch
Laomainn as dèidh uair a thìde no dhà eile de choiseachd.
Air an làimh eile, bha e a' còrdadh sgoinneil ri Sìne
agus càch. Bha a' bhuidheann a' seinn an òrain, 'Loch Lomond',
a-h-uile duine ach mise. Tha mi an dòchas nach cluinn mi an t-òran
sin gu bràth tuilleadh!
An Latha mu dheireadh
Mu dheireadh thall thòisich sinn a' tighinn faisg air deireadh
na slighe ann am Muilleann Dhàibhidh. Bha mise glè thoilichte.
Chòrd Slighe na Gaidhealtachd uabhasach math ri Sìne agus
ris a h-uile duine eile anns a' bhuidhinn againn. Ma tha duine sam bith
a tha a' smaoineachadh air a dhol ann, bu chòir dhuibh sin a dhèanamh
- fhad 's a tha sibh fallain agus sunndach.
Ach tha mi duilich ach cha do chòrd e riumsa idir.
|
 |
 |
|
|