|
  |
 |
|
 |

 |
 |
 |
Aithisg Mìneachaidh - Cumhachd
an dealain
S e facal iongantach a thann an hydro. Tha e a ciallachadh
uisge
agus tha stèisean dealain Chruachain a cleachdadh uisge a tha
gluasad airson dealan a dhèanamh. Mar as trice an dèidh dha
uisge
tuiteam às na speuran, tha e a ruith sìos bruaichean
is beanntan gus
an ruig e a mhuir. Ma tha beinn cas, tha an t-uisge a tha sin
a gluasad gu math luath agus tha lùths na lùth-ghluasad
ann. Tha
cumhachd aige. Ma tha thu airson dealan a chruthachadh feumaidh tu
stad a chur air an uisge le balla-casg agus a chruinneachadh ann an
stòr uisge gus am bi feum agad air.
An uairsin, nuair a tha thu airson dealan a chruthachadh tha thu ga
leigeil às an stòr-uisge. Tha e a dol le fruis tro phìoban
chun na stèisein dealain far a bheil lannan ga thionndadh am broinn
roth-uidheim. Tha an roth-uidheim a cur a ghineadair a dhol
agus s e an gineadair a tha a cruthachadh an dealain.
Às deidh sin, tha an dealan a sruthadh tro chàballan
mar gum biodh
uisge a dol tro phìoban gu ruig e dachaighean agus togalaichean.
Aig an deireadh, anns an taigh agad fhèin, faodaidh tu suids a
bhruthadh agus le cumhachd dealain gheibh thu solas agus blàths.
Chì thu dealbhan air an telebhisean. Cluinnidh tu naidheachdan
air an rèidio. Gheibh thu deoch fhuar às a fridse.
Nì plàide-dealain do leabaidh blàth dhut, agus dùisgidh
gleoca-dealain thu anns a mhadainn.
Tha dealain air leth feumail. Cha bhiodh ar dachaidhean no ar n-àitichean
obrach idir cho cofhurtail no cho goireasach às aonais. Nach math
gum bì an t-uisge a sileadh às na speuran!
|
 |
 |
|
|