|
  |
 |
 |
 |

 |
 |
 |
Aithisg Sìde - Astràilia,
Alba agus an Aimsir
Ro-ràdh
Nuair a bha mi ann an Astràilia san Fhaoilleach, bha i blàth
a h-uile latha. Bha am muir gorm
a crònan air tràigh gheal Bondi agus bha gillean agus
caileagan a snàmh, a sgitheadh agus a surfadh gu
toilichte anns na suailean.
Ach nuair a thàinig mi dhachaigh a dhAlba, bha i fuar, fliuch
agus robach. Bha a ghaoth a feadarsaich tro na craobhan agus
a suabadh adan bho cheann nan daoine air an t-sràid. Bha a
h-uile duine leis a chnatan.
Chuir e iongnadh orm carson a bha seo. Smaoinich mi gum faighinn a-mach
carson a tha an aimsir ann an Astràilia agus Alba cho eadar-dhealaichte.
Crios-meadhain an t-Saoghail
Chaidh mi an toiseach dhan leabharlann agus sheall mi air mapaichean dhen
t-saoghal.
Chunnaic mi on sin gu bheil Astràilia faisg air Crios-meadhain an
t-Saoghail far a bheil
i an-còmhnaidh teth agus gu bheil Tropaig Chapricoirn a dol
tro mheadhan na dùthcha.
Air an làimh eile, tha Alba tòrr nas fhaide air falbh on Chrios-mheadhain
agus o na Tropaigean. Tha sin a fàgail Alba glè fhuar
seach Astràilia agus tha gaoth agus uisge a tighinn leis an
fhuachd.
An uairsin chaidh mi gu Ionad na Sìde. Dhionnsaich mi an
sin gu bheil an Samhradh an Astràilia nuair a tha an Geamhradh
againne ann an Alba. Agus tha an Samhradh againne nuair a tha an Geamhradh
acasan.
Nuair a tha an Saoghal a dol gu aon taobh, tha a ghrian nas
làidire ann an Alba. Tha an aimsir blàth an seo an uair sin
agus tha an samhradh againn. Nuair a tha an Saoghal a dol gun an taobh
eile, tha a ghrian an uair sin nas làidire an Astràilia.
Tha an Samhradh acasan agus tha an Geamhradh againne.
Co-dhùnadh
Tha an aimsir, mar sin, gu math eadar-dhealaichte eadar Astràilia
agus Alba. Tha an Samhradh an Astràilia an-dràsta agus tha
sìde bhlàth, ghrianach aca. Tha i air a bhith fuar agus fliuch
an seo on a tha an Geamhradh againn.
B fheàrr leam a bhith an Alba, a dhaindeoin sin. Nuair
a bha mi air mo shaor làithean an Astràilia, ged a bha e sgoinneil,
bha mi ag ionndrainn an uisge.
|
 |
 |
|
|