|
  |
 |
 |
|
 |

 |
 |
 |
Litir Fhoirmeil Biadh sgoile fallain
Maighstir Dòmhnall
Ros,
Cathraiche Bòrd na Sgoile,
Bunsgoil Chnoc Phàdruig
Loch Mòr,
LM1 2AB
2 Iuchar 2003
|
A charaid chòir,
Tha a h-uile sgoil eile sa bhaile seo a tairgsinn biadh fallain agus
eadar-dhealaichte do na sgoilearan aca a h-uile latha.
Chan eil am biadh ann am Bunsgoil Chnoc Phàdruig cho fallain agus
cho math s bu mhath leinn. Tha sinn uile a feuchainn ri barrachd
eacarsaich a dhèanamh agus sùil a chumail air na rudan a tha
sinn ag ithe. Ach nuair a thig e gu àm-dìnneir anns an sgoil
againn fhèin, chan eil cothrom againn ach taghadh bho bhiadh gu math
mì-fhallain.
A h-uile latha, chan eil sinn a faighinn ach tiops còmhla
ri feòil no tiops còmhla ri uighean. Chan eil againn airson
òl ach an aon seòrsa deoch a tha làn siùcair.
A bharrachd air an sin, chan fhaigh sinn ach ùbhlan airson measan.
Mar sin, s beag an t-iongnadh nach eil a mhòr chuid
dhe na sgoilearan ag ithe biadh na sgoile.
Rinn sinn rannsachadh airson tuilleadh fiosrachadh a chruinneachadh. Tha
seo a sealltainn nach eil a mhòr chuid dhe na sgoilearan
toilichte le biadh na sgoile. Tha mòran sgoilearan a smaointinn
nach eil am biadh fallain gu leòr agus tha a h-uile duine ag iarraidh
taghadh eadar-dhealaichte gach latha.
Bhruidhinn sinn ris a Chòcaire cuideachd agus thuirt esan nach
eil airgead gu leòr aige airson cùisean atharrachadh. Nam
biodh barrachd sgoilearan a ceannachd biadh gach latha, bhiodh barrachd
airgid aig a Chòcaire.
Mar sin, dhfhaodadh e atharrachaidhean a dhèanamh. Chan urrainn
dhan sin tachairt gus am fàs am biadh agus an taghadh nas fheàrr.
Bhitheamaid toilichte nam faigheadh sinn ruis no pasta an àite tiops.
Bhiodh uisge no bainne na b fheàrr na deochan milis a chionn
s gum biodh iad na b fheàrr airson ar fiaclan. Mu dheireadh,
tha iomadach meas eile ann a bharrachd air ùbhlan. Chòrdadh
fìon-dhearcan, peuran agus orainsearan rinn.
Tha sinn a smaoineachadh gu bheil an t-àm aig Bunsgoil Chnoc
Phàdruig gluasad gu biadh fallain mar a thaig a h-uile sgoil
eile sa bhaile seo. S e biadh blasta agus fallain a tha dhìth
òirnn.
An urrainn dhuibh ar cuideachadh?
Le gach deagh dhùrachd,
Màiri, Iain agus Ciaran.
|
 |
 |
|
|