 |
Reasabaidh - Bonnach dha Donaidh
Stuthan
115g Flùr lom
1Sp-teatha fùdar bèicearachd
Craiteachan Salainn
6 uighean
2 Sp-teatha sùgh faoineag
Ìm
Siùcar
Na ceumannan
1. Glan do làmhan.
2. Tionndaidh an àmhainn air gu ceud s ochdad celsius.
3. Faigh tiona-cèic agus suath ìm ris a bhonn.
4. Còmhdaich am pàipear le flùr.
5. Cuir am flùr, an salann agus am fùdar bèicearachd
ann an
criathar agus crath iad a-steach do bhobhla. Dèan seo trì
tursan.
6. Cuir na h-uighean agus an siùcar ann am bobhla a sheasas ri
teas.
7. Cuir am bobhla na shuidhe ann am poit anns a bheil uisge a
goil.
8. Buail na h-uighean agus an siùcar fad deich mionaidean.
9. Cuir an sùgh faoineag nam measg.
10. Dòirt leth dhen fhlùr don bhobhla anns a bheil na
h-uighean
agus measgaich iad gus a bheil iad nan taois.
11. Paisg a-steach a chuid eile dhen fhlùr agus measgaich
gu math e.
12. Cuir an taois anns an tiona-chèic agus cuir iad dhan àmhainn
gu faiceallach. Cuimhich gum bi an àmhainn teth.
13. Fàg an tiona ann fad còig mionaidean fichead
agus an
uairsin thoir às e air do shocair.
14. Thoir a cheic a-mach às an tiona agus fàg i
air searbhadair
soithichean gus am fuaraich i.
|