|
  |
 |
|
 |

 |
 |
 |
Aithris Naidheachd - Tè ris nach
robh dùil
Tràth madainn an-dè, aig ochd uairean, nochd tè ris
nach robh dùil ann am baile beag Chnoc Phàdraig. B e
Rona Rionnag, an seinneadair ainmeil a bhann. Tha i air turas timcheall
an t-saoghail an-dràsta agus bha dà latha fois aice ro na
consairtean ann an Glaschu, a-raoir agus a-nochd.
Cha robh muinntir a bhaile a creidsinn an sùilean an
uair a chunnaic iad an car fada a stad aig bùth nam pàipearan.
A-mach às thàinig tè àrd eireachdail le falt
fada dorcha agus gloinnichean dorcha. Cò bha seo ach Rona Rionnag!
Bha deise bhrèagha gheal oirre agus brògan le sàilean
àrd thuirt deugaire a thachair rithe taobh a-muigh na bùtha.
Fhuair mise an cothrom bruidhinn rithe nuair a bhris an càr aice.
Dh innis i dhomh gun do thòisich an turas aice ann an Aimeireaga.
Bha consairtean eile aice ann an Èirinn, anns an Fhraing agus anns
a Ghearmailt. A-nochd, tha Rona a cluich ann an Glaschu agus
an ath sheachdain gheibh a luchd-leantainn cothrom a faicinn ann an Lunnainn.
Chan eil an turas a crìochnachadh an sin ge-tà. An t-seachdain-sa
tighinn, tha i a cumail oirre gu ruige Astràilia, far an cuir
i crìoch air an turas fhada seo.
Dhinnis i dhomh gu bheil clàr ùr aice ri dhèanamh
as dèidh sin agus gum bitheadh e a nochdadh anns na bùithean
ron Nollaig.
Abair tiodhlac math.
|
 |
 |
|
|