 |
 |
|
 |

 |
 |
 |
Leabhar-aithris Ruairidh
Diluain 25 Cèitean
A curachd
Latha tioram ach fuar. Bha an t-adhar fhathast dorcha nuair a dhfhàg
sinn an Ionad Spòrs air a bhus ach bha an latha air tighinn
mus do ràinig sinn an abhainn.
Lean sinn na treòraichean gu faiceallach sìos bruaichean
na h-aibhne agus chùm sinn uile faisg air a chèile. Aig
toiseach gnothaich, fhuair a h-uile duine tàire, a cumail
nan curachan ann an loidhne dhìreach agus bha eagal mo bheatha
orm cus gluasad a dhèanamh. Ach ro dheireadh an latha bha sinn
a cluich ann an linne bheag fhasgach.
Bha sinn air an abhainn a chuid bu mhotha den latha agus chunnaic
sinn iomadh eun anns na craobhan ri bruaichean na h-aibhne. Aig deireadh
an latha, thill sinn air ais anns a bhus, caran fliuch, acrach ach
abair fealla-dhà!
|
 |
Dimàirt 26
Cèitean
A sreap
Latha sgòthach glas. Dh èirich mi aig seachd uairean
anns a mhadainn is thog sinn òirnn suas dhan bheinn air cùlaibh
an ostail. Bha sreapadairean eile còmhla rium.
Mu dheireadh stad sinn aig creagan cas, glas agus nuair a choimhead mi
suas bha buille chruaidh aig mo chridhe. Bfheudar dhuinn obrachadh
còmhla ann am buidhnean is sinn ceangailte ri chèile. Theab
mi tuiteam uair no dhà ach chùm mi grèim bàis
air a chreig.
Ràinig sinn mullach na creige ro àm dìnnearach agus
abair thusa sealladh brèagha shìos fodhainn. Bha an osdail
againn a coimhead cho beag ri taigh lego. Chuir sinn
seachad greiseag aig mullach na beinne a togail dhealbhanan. Latha
sgoinneil eile.
|
 |
Diciadain 27 Cèitean
A surfadh
Latha soilleir grianach. Ghabh sinn ar bracaist a-muigh.
An uairsin, shiubhail sinn anns a bhus airson cairteal na h-uaireach
agus ràinig sinn loch far an robh sinn a dol a shurfadh air
bòrd-gaoithe. Bha a h-uile duine ann an deagh shunnd is tuigse
aca air na bha romhainn.
Thòisich sinn! Abair thusa spòrs - is sinn uile airson sealltainn
cho sgileil is a bha sinn. Bha mise gu math fliuch aig deireadh an latha
ach bha deagh fhealla-dhà air a bhith againn.
|
 |
Diardaoin 28 Cèitean
Aibseileadh
Latha àlainn! Dh èirich sinn uile tràth a-rithist
is a-mach a ghabh sinn dhan bheinn. Stad sinn airson grèim bidhe
aig mullach creagan àrd agus thòisich na stiùirichean
againn air an acfhuinn a chur ri chèile. Is mise a chiad
duine a chaidh a thaghadh airson a dhol thairis air bàrr na creige.
Airson mionaid sheas mi aig a mhullach agus grèim bàis
agam air an ròpa ach aon uair is gun do ghabh mi a chiad
cheum no dhà bha e dìreach sgoinneil! Fhuair sinn uile cothrom
a dhol sìos turas no dhà agus an uairsin dhfheuch
sinn air aibseileadh sìos creagan eile. Crìoch mhath air
an t-seachdain.
|
| |
Dihaoine 29 Cèitean
Latha fuar frasach. Thill mi dhachaigh an-diugh air an trèana mhaidne.
Air an trèana smaoinich mi air na bha mi air a dhèanamh
aig an Ionad Spòrs agus air na caraidean ùra a rinn mi.
S e seachdain sgoinneil a bhann agus bu mhath leam tilleadh
an ath-bhliadhna. |
 |