
Tha sinn uile deiseil agus deònach toiseach tòiseachaidh
a dhèanamh air an
t-slighe. Tha sinn uile toilichte.
|

Bha sinn a' sreap suas beanntan ri taobh Loch Laomainn air
an dara là. Bha na seallaidhean miorbhaileach. Bha
an loch a' coimhead gu math fiadhaich ach chunnaic mi daoine
air bùird gaoithe.
|

As dèidh a bhith ri taobh Loch Laomainn an-dè,
chunnaic sinn seallaidhean a cheart cho brèagha an-diugh.
Bha na h-eòin a' ceileireadh anns na craobhan agus
bha fiadh mòr air mullach na beinne.
|

Seo a-nis an ceathramh là agam a' coiseachd. Chan
eil cùisean a' còrdadh rium an-diugh. Theab
na meanbh-chuileagan m' ithe. An àite mo chuideachadh,
cha robh Sine ach
a' gàireachdainn.
|

Cha do sguir an t-uisge fad
an là agus chaidh mo bhogadh iomadach uair. Tha mi
sgith a bhith coiseachd. B'fheàrr leam gun robh mi
aig m'obair.
|
 Tha mi deiseil! Tha mo chasan goirt
ach rinn mi an gnothaich chun an deiridh.
|