|
 |
 |
 |
Nuair a chuir Ruairidh
am post-dealain gu Donaidh, dhiochuimhnich e an leabhar-là a chur
anns an òrdugh cheart. Leugh agus èist ri na sgrìobh
Ruairidh anns an
leabhar-là aige. An uairsin, clò-bhuail an duilleag, oir
cuidichidh i thu nas fhaide air adhart.
|
 |
 |
 |
 Tha sinn uile deiseil agus deònach
toiseach tòiseachaidh a dhèanamh air an t-slighe.
Tha sinn uile toilichte.
Tha mi deiseil! Tha mo chasan goirt ach
rinn mi an gnothaich chun an deiridh.
Cha do sguir an t-uisge fad an là agus
chaidh mo bhogadh iomadach uair. Tha mi sgìth a bhith coiseachd.
B' fheàrr leam gun robh mi aig m'obair.
Bha sinn a' sreap suas beanntan ri taobh Loch Laomainn air an dara
là. Bha na seallaidhean mìorbhaileach. Bha an loch
a' coimhead gu math fiadhaich ach chunnaic mi daoine air bòrd
gaoithe.
As dèidh a bhith ri taobh Loch Laomainn an-dè, chunnaic
sinn seallaidhean a cheart cho brèagha an-diugh. Bha na h-eòin
a' ceileireadh anns na craobhan agus bha fiadh mòr air mullach
na beinne.
Seo a-nis an ceathramh là agam a' coiseachd. Chan eil cùisean
a' còrdadh rium an-diugh. Theab na meanbh-chuileagan m' ithe.
An àite mo chuideachadh, cha robh Sìne ach a' gàireachdainn.
|
 |
 |
|
 |
|