Seo an aithisg agam
mu shiubhal sna speuran. Clò-bhuail an duilleag, oir cuidichidh
seo thu nas fhaide air adhart.
Mar a tha rocaidean a' dol dha na speuran
'S e adhbhar na h-aithisg seo fiosrachadh a thoirt seachad
air an dòigh anns a bheil rocaidean a' dol dha na
speuran.
Mus tèid rocaid suas do na speuran, feumar a bhith cinnteach
gu bheil i
sàbhailte. As dèidh don rocaid a bhith air a h-ullachadh
mar is còir, tha i deiseil airson a dhol air an ionad-losgaidh.
'S e inneal mòr a tha seo far am bi an rocaid a'
seasamh, deiseil airson siubhal do na speuran.
Nuair a tha an rocaid a' fàgail an ionad-losgaidh,
tha tòrr ceothaidh
a' tighinn a-mach às na h-einnseanan aice. Tha einnseanan
sònraichte aig rocaid airson neart a thoirt dhi a dhol
suas do na speuran. 'S e einnseanan neartachaidh an t-ainm
a tha orra.
Air an t-slighe suas do na speuran, tha astar na rocaid a'
fàs nas luaithe. Tha an rocaid a' cleachdadh na h-einnseanan
neartachaidh a tha air gach taobh dhi airson barrachd cumhachd
a thoirt dhi. Tha an criutha am broinn na rocaid ga stiùireadh
don àite freagarrach sna speuran. Tha siostam iùil
aca airson an cuideachadh.
Fhad 's a tha an rocaid anns na speuran, faodaidh an criutha
a tha na broinn a thighinn a-mach aiste. Feumaidh grèim
a bhith aca fhathast air an rocaid gus nach bi iad a' flòdradh
air falbh. Tha innealan ceangailte ris a' chriutha a tha
a' toirt ocsaidean dhaibh gus an tèid aca air anail
a tharraing.
Nuair tha criutha na rocaid deiseil de an obair shuas anns na
speuran, tha iad a' stiùireadh an inneil air ais gu
talamh.