BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DICIADAIN
29 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Cruth na Tìre

BBC Homepage
Scotland
Alba
Foghlam
»
  Cruthan-tìre
  Sgilean Mapa
  Leabh-
raichean
stiùiridh
  Gaileiridh
  Notaichean
Tidseir
 

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 

Notaichean Tidseir
Ro-phlana Clàr-innse na làraich
Cùisean Teicnigeach Ceanglaichean Feumail Taing


Ceanglaichean Feumail

Dh'fhaodadh gum biodh ùidh aig tidsearan a tha an sàs ann an obair air cruthan-tìre na h-Alba anns na làraich-lìn Bheurla a leanas.

Tha dleastanas sònraichte aig Dualchas Nàdair na h-Alba ann a bhith a' brosnachadh foghlam mu dhualchas nàdarrach ann an Alba. Tha raon de stuthan thidsear a ghabhas a chlò-bhualadh is a chleachdadh sa chlas air an làraich seo.
http://www.snh.org.uk/wwo/default.htm

'S i làrach eadar-ghnìomhach a th' ann an Wow, a chaidh a deasachadh ann an com-pàirteachas le na trì buidhnean slighe-uisge. Tha i ag amas air daoine òg a ruighinn leis an teachdaireachd gur e pàirt bheòthail, sgairteil is coileanta de dhualchas is bhun-structair ar dùthcha a th' anns na slighean-uisge. Faodaidh tidsearan a dhol tro earrainn nan inbheach, Canal Chaledonian a thaipeadh dhan rannsaichear-lìn agus stuthan is fiosrachadh a chlò-bhualadh.
http://www.wow4water.net/grownups/

'S e turas tro fhàsach an taoibh tuath a th' anns an làraich Scotland the Wild far an tèid coinneachadh ri mòran aghaidhean ann an rìoghachd bheathaichean na h-Alba. Tha fuaim, bhidio, dealbhan sgoinneil agus mòran fiosrachaidh is staitistearachd air an làraich seo.
http://www.bbc.co.uk/scotland/nature/scotlandthewild

'S e àite far am faigh thu a-mach mun Rìoghachd Aonaichte agus Èirinn a th' ann an Quest. Tha fiosrachadh ann mu cheudan de dh'àiteachan eadar-dhealaichte. Faodaidh tu àiteachan anns a bheil ùidh agus na cuspairean a tha thu airson a rannsachadh a thaghadh airson tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn.
http://www.gridclub.com/info/quest/index.html

'S e làrach eadar-ghnìomhach a th' ann an Map Zone far a bheil obair-mhapa a' tighinn beò. Tha an làrach ag amas air P7-AS2 agus tha i a' dèiligeadh ri diofar thaobhan de dh'obair mhapa.
http://www.mapzone.co.uk/

Dè a thachras nuair a choinnicheas aibhnichean ris a' chosta? Faigh a-mach dè tha toirt air cearcall-uisge a dhol mu chuairt san turas-làraich. Tha an làrach seo freagarrach dha aoisean 9-12.
http://www.bbc.co.uk/schools/riversandcoasts/index.shtml

Tha Tasglann Nàiseanta nan Dealbh Gheòlasach anns am British Geological Survey, far a bheil còrr is 100,000 ìomhaigh làn-thuairiseulaichte air a' chuspair saidheansan na cruinne.
http://www.bgs.ac.uk/photoarchive/home.html

Chaidh dearbhadh a dhèanamh air na làraich ainmichte. Ach leis gu bheil nàdar na h-eadar-lìn a' sìor chaochladh dh'fhaodadh gun atharraich làraich an dèidh dhuinn tadhal orra. Chan eil am BBC a' gabhail uallach airson na th' air làraich air an taobh a-muigh.




About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy