BBC HomeExplore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha tèid an ùrachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a’ BhBC.

19 January 2015
Accessibility help
Text only

BBC Homepage
BBC Scotland
Alba
Foghlam
»  

Contact Us

Like this page?
Send it to a friend!

 

Facail



Alasdair Mhic Cholla Ghasta



Alasdair Mhic, ò hò,
Cholla ghasta, ò hò,
Às do làimh-sa, ò hò,
Earbainn tapadh; trom èile.



Chall èileadh ò hì, chall a horo,
Chall eileadh ò hì, chall a horò,
Chall eile huraibh i, chall a horo,
‘S hao ri oho, trom èile.



As do làimh-s’, gun ò hò,
Earbainn tapadh, ò hò,
Mharbhadh Tighearn', ò hò,
Ach' nam Breac leat, trom èile.



Chall èileadh ò hì, chall a horo…



Mharbhadh Tighearn', ò hò,
Ach nam Breac leat, ò hò,
'S thìodhlaiceadh an ò hò,
Oir an loch e; trom èile.



Chall èileadh ò hì, chall a horo…



'S thìodhlaiceadh an ò hò,
Oir an loch e, ò hò,
'S ged 's beag mi fhèin, ò hò,
Bhuail mi ploc air; trom èile.



Chall èileadh ò hì, chall a horo…



'S ged 's beag mi fhéin, ò hò,
Bhuail mi ploc air, ò hò,
Chuir siud gruaim air ò hò,
Niall a' Chaisteil; trom èile.



Chall èileadh ò hì, chall a horo..



Chuir siud gruaim air ò hò,
Niall a' Chaisteil, ò hò,
'S dh'fhàg e lionn-dubh, ò hò,
Air a mhacaibh; trom èile.



Chall èileadh ò hì, chall a horo…



'S dh'fhàg e lionn-dubh, ò hò,
Air a mhacaibh; ò hò;
Chuala mi ‘n-dè ò hò
Sgeul nach b’ ait leam: trom eile.



Chall èileadh ò hì, chall a horo…



Chuala mi ‘n-dè ò hò
Sgeul nach b’ ait leam: ò hò
Glaschu a bhith ò hò
Dol na lasair, trom eile.



Chall èileadh ò hì, chall a horo…



Glaschu a bhith ò hò
Dol na lasair, ò hò,
‘S Obar-Dheathain ò hò
‘N dèidh a chreachadh; trom eile.






About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy