Main content
Coinneach Mac a' Ghobhainn
Seo na freagairtean aig Coinneach Mac a' Ghobhainn
| Fact title | Fact data |
|---|---|
| Cò an duine mu dheireadh ris an do bhruidhinn thu air a' fòn? |
Bodach à ionad-fòn Sasannach a bha ga mo chuideachadh gus mo phost-d a chur air dòigh –
|
| Dè thuirt e? |
Cha d’thuirt cus – ach h-abair gu robh e glugach a’ feuchainn ri m’ainm a ràdh!
|
| Dè bh' anns an teachdaireachd teacsa mu dheireadh a fhuair thu? |
Anndra, riochdaire Rapal, ag innse dhomh a bhith “glamoured” up airson dealbh larach-lìn Rapal… gu mi-fhortanach cha chreid mi g’eil leithid de dh’fhacal agam nam fhaclair mar a chithear
|
| Dè an ringtone a th' agad? |
‘S e fonn spaideil ris an canar “Samsung Melody”a th’air am fòn agam an-dràsda – cha robh e ach £10 not ann an Tesco – baragan!
|
| Dè an àireamh as fheàrr leat? |
7
|
| Nam biodh cothrom agad coinneachadh le duine sam bith - beò no marbh - cò bhiodh ann? |
Bu chaomh leam fear dhe na comedians ainmeil sa latha-an-diugh a choinneachadh – can Michael MacIntyre na Kevin Bridges neo cuideigin.
|
| Nan deigheadh film a dhèanamh mu do bheatha, cò an cleasaiche a chluicheadh am pàirt agad fhèin? |
‘S mathaid gum biodh aon dhe na “Chuckle Brothers” neo Rowan Atkinson freagarrach
|
| Am bi thu a' seinn sa frasair? |
Cha bhiodh uinneagan air fhàgail san taigh-beag ma bha!
|
| Dè am film as fheàrr leat? |
Leis gur e “anorak” sgriosail a bh’unnam (a th’unnam?) bha Lord of the Rings an-còmhnaidh air agam nuair a bha mi òg – ach an-dràsta ‘s caomh leam “The Dictator” aig Sasha Baron Cohen.
|
| Am bi daoine a' litreachadh d' ainm ceàrr |
Man as àbhaist, tha an litreachadh ceart gu leòr, ach hòbhan ò ‘s e’n fhuaimneachadh…
|
| Am bi thu a' dol craicte mu ghlainead agus rudan a bhith an òrdugh? |
Bu mhòr am beud nach bidh – gu mi-fhortanach ‘s ann mi-sgiobalta a tha m’rùm.
|
| An robh thu a-riamh ann an Ameireagaidh a Deas no Afraga? |
Cha robh mi nas fhaide na Menorca sa Spàinn – agus bha sin fhèin teth gu leòr dhòmhsa!
|
| A bheil comas fighe agad? |
Chan eil na. Dh’fheuch mi ri toll na mo phòcaid a chàradh trup, agus cha d’rinn mi ach fhighe dùinte…
|
| An urrainn dhut poker a chluich? |
An-dràsta sa a-rithist smaoinichidh mi gun urrainn, ach dearbhaidh m’sporran nach urrainn!
|
| Am bi thu a' cur jewellery ort ? |
Cha bhithidh na!
|
| Cuin as fheàrr leat fras a ghabhail, sa mhadainn no feasgar? |
Sa mhadainn, ach gabhaidh mi tè feasgar ma tha mi air a bhith a-muigh.
|
| Cia mheud taigh anns a bheil thu air a bhith fuireach? |
Dà thaigh, ach 4 flataichean ann an Glaschu (aon gach bliadhna) nuair a bha mi aig an oilthigh.
|
| Na chuir thu a-riamh duine fo na h-amhach? |
Cha d’chuir an aon-ghnòthaich...
|
| Dè an cuspair-sgoile nach eil/nach robh a' còrdadh riut? |
Bha càil sam bith le matamaigs gam chur dìreach droll. ‘S mi a bha toilichte cuidhteas fhaighinn dhe!
|
| Cia mheud paidhir bhròg a th' agad? |
Dà phàidhir a bhios orm gu tric, ach tha iomadh phàidhir eile ann nach d’shad mi às – th’iad a-nise airson a’ mhòine sa bhuntàta!
|
| A bheil clàr no òran Britney Spears agad? |
Cha chuir e iongnadh sam bith oirbh nach eil.
|
| Na chuir thu a-riamh a-mach air beulaibh dhaoine? |
Cha chan mi càil mus can mi cus.
|
| Dè an soidhne Zodiac a th' agad? |
Capricorn
|
| Dè an dath as fheàrr leat? |
Gorm
|
| Cia mheud uaireadair a th' agad? |
Aon – tha e air a bhith a’ dèanamh joba math
|
| Dè a' chiad pheata a bh' agad? |
Buidsidh beag – “Sonic” a bh’air – a bh’agam son ceala-deug mus do dh’fhàg cuideigin an uinneag fosgailte.
|
| Dè am biadh as fheàrr leat son bracaist? |
Bracaist slàn air bòrd soitheach CalMac!
|
| Cuin a thuit thu mu dheireadh? |
Aon thrup sa gheamhradh nuair a bha mi a’ coiseachd dhachaigh a dh’Anniesland ann an Glaschu – rinn mi car-a-mhuiltein san èadhar agus rinn na messages a bh’agam car-a-mhuiltein cuideachd!
|
| A bheil thu a-riamh air "mum " a ghabhail air do thidsear? |
Cho fad is ‘s aithne dhomh cha tug.
|
| A bheil far-ainm ort? |
Bha “Mohammed” orm son draoiseag sa sgoil nuair nach gabhadh m’ainm a thomhais aig dithis à Steòrnabhagh – ach chan eil e buileach “pc” an-diugh.
|
| An toigh leat do ghruag/d' fhalt? |
Ged a tha e a’ coimhead caran coltach ri na gruagan a bh’aig na hobbits ann an Lord of the Rings, thiud, tha e a’ dèanamh a’ chùis!
|