Sgoil MhicNeacail a' buannachadh Cuach nan Àrd-sgoiltean

Sgioba ball-coise Sgoil MhicNeacail leis na buinn a fhuair iad às dèidh dhaibh Cuach nan Àrd-sgoiltean a ghlèidheadhTùs an deilbh, CnaG
  • Air fhoillseachadh

'S e Sgoil MhicNeacail a bhuannaich farpais ball-coise Cuach nan Àrd-sgoiltean na bliadhna-sa.

Seo an dàrna bliadhna an sreath a chèile a tha Sgoil MhicNeacail air an fharpais a ghlèidheadh.

Chaidh na geamaichean a chumail aig Pàirce a' Chanàil ann an Inbhir Nis, le ochd sgiobaidhean a' strì airson an tiotail.

Rinn Sgoil MhicNeacail an gnothaich air Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu sa chuairt dheireannaich às dèidh dhan gheama a dhol gu breaban peanais.

'S e Seonaidh MacGillEathain bho sgioba Sgoil Bhàgh a' Chaisteil a fhauir duais Sàr Cluicheadair na Gàidhlig.

Gheibh an neach a tha ann am beachd nan rèitirean air a' Ghàidhlig as fheàrr a chleachdadh tron fharpais air fad an duais seo.

Seonaidh MacGillEathain bho sgioba Sgoil Bhàgh a' Chaisteil a' faighinn duais Sàr Cluicheadair na GàidhligTùs an deilbh, CnaG
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh na duaisean a thoirt seachad le Steven Kellow, Manaidsear Maoineachaidh is Phròiseactan aig Bòrd na Gàidhlig

Chaidh cruth ùr a thoirt air Cuach nan Àrd-sgoiltean am-bliadhna.

Mar sgeama paidhleit, 's e sgiobaidhean de dh'ochdnar a bha a' cluiche le dithis eile deiseil aig oir na pàirce agus le co-dhiù dithis nigheanan a' cluiche anns gach geama.

Thathar an dùil gun toir seo cothrom dhan a h-uile neach pàirt a ghabhail anns na geamaichean.

Seo na sgiobaidhean a ghabh pàirt am-bliadhna:

  • Sgoil MhicNeacail

  • Sgoil Sir E Scott

  • Sgoil Lionacleit

  • Sgoil Bhàgh a' Chaisteil

  • Àrd-sgoil Phort Rìgh

  • Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

  • Àrd-sgoil Sheumas Ghilleasbuig

  • Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

Thuirt Stiùiriche Leasachaidh ChnaG, Marina Mhoireach, gun robh e math an fharpais a chumail airson an còigeamh bliadhna.

"A-rithist a' faicinn a' chomais air leth aig an òigridh, an dà chuid le sgilean ball-coise agus leis a' Ghàidhlig.

"Tha na cothroman seo gu tur mu dheidhinn òigridh a bhith a' faighinn tòrr spòrs, a' faighinn cothrom coinneachadh le daoine òga eile bho air feadh Alba, agus an cuid Ghàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile.

"Tha sinn airson an cothrom seo a' ruith agus a' leasachadh anns na bliadhnaichean a tha romhainn", thuirt i.

Bha Cuach nan Àrd-sgoiltean 2026 air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus air stiùireadh le Comunn na Gàidhlig.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte

Tuilleadh air an sgeulachd seo