Bìobhairean do Loch Abar?

Bìobhar na sheasamhTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thèid fhaighneachd do mhuinntir Loch Abair co-dhiù am bu chòir bìobhairean a leigeil mu sgaoil anns an sgìre aig sreath de choinneamhan poblach air an ath-mhìos.

Chaidh na creutairean, a tha dùthchasach do dh'Alba, à bith o chionn 400 bliadhna, ach tha iad a-niste ann an grunn sgìrean an dèidh do dh'iomairtean an tilleadh.

Tha an compàirteachas càraidh nàdair Loch Abar Mòr ag ràdh gu bheil an sgìre le àrainn fhreagarrach ann am pailteas do bhìobhairean, le sruthan mall, coilltean dùthchasach agus fèithean farsainn a chumadh iad gach cuid ann am biadh agus stuthan togail.

Chomharraich iad gu h-àraid Abhainn Lòchaidh mar àite a bhiodh freagarrach.

BìobhairTùs an deilbh, SCOTLAND: The Big Picture

Feumar cead bho NàdarAlba an toiseach mu tèid bìobhairean a leigeil mu sgaoil, agus tha an co-chomhairleachadh seo ag amas air fiosrachadh a thoirt do mhuinntir an àite agus am beachdan a thrusadh.

Tha na h-uimhir de chonnspaid air a bhith ann an corra sgìre far an deach bìobhairean a thilleadh dhan àrainneachd, le sàr-thalamh àitich ri taobh Abhainn Tatha mar eisimpleir air a chur ann an cunnart tuile leis na bìobhairean.

Bidh bhìobhairean a' leagail chraobhan 's a' togail dhamaichean agus ag àrdachadh ìrean aibhnichean - rud a tha air leth math dha na h-aibhnichean leis gun slaodaich e sruth an uisge 's gum fàg e glumagan nas doimhne 's nas fhionnaire, ach rud a bheir buaidh air cleachdadh fearainn.

"Canaidh sinn gur e einnsinnìrean èiceo-shiostaim a th' ann am bìobhairean leis an atharrachadh a bheir iad air an àrainneachd timcheall orra," thuirt Kirsten Brewer, aig a' bhuidhinn charthannais ath-fhiadhachaidh SCOTLAND: The Big Picture, a tha an sàs sa phròiseact.

"Ann a bhith a' dèanamh sin cruthaichidh iad àrainnean do mhòran chreutairean eile," thuirt i.

Bìobhair a' snàmhTùs an deilbh, SCOTLAND: The Big Picture

Bidh na coinneamhan mar a leanas:

  • Diluain 13mh an t-Iuchar, Ionad Nibheis anns a' Ghearasdan, 11:30m - 4:30f

  • Diciadain 15mh an t-Iuchar, Talla Cuimhneachaidh, Drochaidh Ruaidh, 2:00f - 7:00f

  • Dimàirt 21mh an t-Iuchar, Ionad Coimhearsnachd Chille Mhàilidh, a' Chorpaich, 2:00f - 7:00f

  • Diciadain 22na an t-Iuchar, Ionad Coimhearsnachd, Drochaid an Aonachain, 2:00f - 7:00f

Mar phàirt den iomairt thèid cuideachd am film Balancing the Scales a shealltainn aig Taigh-dhealbh na Gàidhealtachd sa Ghearasdan air an 13mh là den Iuchar eadar 5:00f agus 7:00f.