Roddy Young: "Bha e cho trom a bhith nam thàmh"

- Air fhoillseachadh
Tha Roddy Young ag ràdh gu bheil e air a dhòigh a bhith air ais a' cluich iomain is gun robh e trom air inntinn a bhith mìosan mòra a-mach is e air a dhroch ghoirteachadh.
Bha rabhadh aige cuideachd do sgiobaidhean eile is e ag ràdh gu bheil tòrr a bharrachd ri thighinn bhuaithe.
Chuir Young an dàrna tadhal aig Ceann a' Ghiùthsaich anns na diogan mu dheireadh de chuairt dheireannaich Chupa MhicThàmhais Disathairne is iad a' soirbheachadh 2-0 an aghaidh Lòbhat.
'S e seo an ceathramh turas ann an sreath a thog Kings an duais.
Bha an là gu sònraichte milis dha Young fhèin is e air an t-uabhas de dh'iomain a chall bho ghoirtich e ghlùin gu dona sa Chèitean 2023.

Thàinig tadhal Roddy Young às dèidh do Savio Genini Ceann a' Ghiùthsaich a chur air thoiseach
A' bruidhinn air BBC Radio nan Gàidheal aig Pàirc a' Bhucht, thog Young air cho doirbh 's a bha gnothaichean dha tro na mìosan nuair nach b' urrainn dha cluich.
"Bha e trom ag innse na firinn," thuirt Roddy.
"Bha mi a-mach cha mhòr dà bhliadhna. Bha e trom gu fiosaigeach ach gu seachd-àraid air m' inntinn.
"Tha iomain cho cudromach dhomh, a bhith a' cluich còmhla ri mo charaidean is a bhith a' farpais anns na geamaichean as motha is a bhith a' sealltainn na 's urrainn dhomh dèanamh.
"Nuair a tha sin air a thoirt air falbh bhuat, tha e a' toirt buaidh mhòir ort."
Às dèidh dhaibh Cupa MhicThàmhais a thogail a-rithist, tha Ceann a' Ghiùthsaich a-nise air 12 de na 13 duaisean mòra iomain mu dheireadh a bha fosgailte dhaibh a bhuannachadh a' dol air ais gu 2022.
Tha iad a-rithist aig mullach na Prìomh Lìge - ged a tha an-dràsta trì sgiobaidhean eile a' cumail ceann a' mhaide riutha, is fhathast ann an Cupa MhicAmhlaigh is Cupa na Camanachd cuideachd.
A dh'aindeoin sin, thuirt am manaidsear aca Iain Borthwick air Radio nan Gàidheal Disathairne gu bheil e den bheachd gu bheil barrachd ri thighinn bhon sgioba fhathast is cuid a tha air a bhith air an goirteachadh a-nise a' tilleadh.
Is bha rabhadh ann bho Young fhèin dha na sgiobaidhean eile.
"Tha tòrr a bharrachd annam. Tha mi air a bhith ag obair gu cruaidh a bhith cho fut 's a ghabhas is tha mi a' smaointinn gun urrainn dhomh a bhith nas fheàrr na bha mi riamh.
"Tha e a' tighinn thuige, is 's e dìreach a bhith cho geur 's a ghabhas air beulaibh nam post is tadhal no dhà eile a chur."