Beachdachadh air cìs-comhairle dhùbailte do dhàrna dachannan

- Air fhoillseachadh
Beachdaichidh Comhairle nan Eilean Siar air cìs-comhairle air dàrna dachaigh a dhùblachadh.
An-dràsta tha cìs dàrna dachaigh no dachaidh fhalamh stèidhte air an aon ìre ris a' chìs-chomhairle 'son prìomh dhachaigh.
Tha a' Chomhairle ag ràdh gun togadh iad £800,000 a bharrachd le sin a dhèanamh.
Tha cumhachd air a bhith aig comhairlean ann an Alba atharrachadh a thoirt air cìs na comhairle air dàrna dachannan agus taighean falamh bho 2013.
Aig an àm sin cha robh daoine a' pàigheadh ach 90% den chìs air dàrna dachaigh sna h-Eileanan Siar.
Chaidh a' chìs a dhèanamh co-ionnan ris a' chìs air dachaigh àbhaistich ann an 2018.
Tha Riaghaltas na h-Alba a-niste a' ceadachadh do chomhairlean 200% den chìs a chur air dàrna dachannan bhon 1mh là den Ghiblean am-bliadhna.
Thèid am moladh sin a chur air beulaibh chomhairlichean ann an Steòrnabhagh feasgar Diciadain.
Thathas a' sùileachadh gun toireadh a leithid piseach air suidheachadh an taigheadais anns na h-Eileanan, le bhith a' saoradh thaighean a bharrachd do dhaoine a tha feumach air dachaigh.
Ach tha gu leòr de dh'eileanaich a tha a' fuireach air tìr-mòr ach leis a bheil dachaigh-teaghlaich sna h-eileanan a dh'fheumadh cìs dhùbailte a phàigheadh orra sin.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh17 An Giblean 2023
