Seann nàimhdean aig deas gus strì às ùr

Iomain
Fo-thiotal an deilbh,

Coinnichidh Caol Bhòid agus Camanachd an Òbain ann an cuairt dheireannach Chupa Comann Ceilteach Ghlaschu airson an treasamh bliadhna ann an sreath

LeJaven Houston
BBC Spòrs
  • Air fhoillseachadh

Uair eile, bidh Caol Bhòid agus Camanachd an Òbain a' cluich aig Pàirce Peterson anns an Eochair airson Chupa Comann Ceilteach Ghlaschu Disathairne.

Thairis air an deich bliadhna mu dheireadh, tha an dà sgioba air coinneachadh sa chuairt dheireannaich seachd tursan.

Tha iad air tilleadh dhachaidh leis a' chupa ceithir tursan an urra bho 2015.

Ach 's iad na h-Òbanaich a thog e airson an dàrna uair ann an sreath an-uiridh is iad a' tighinn am bàrr 3-1 an aghaidh Chaol Bhòid.

Dà mhanaidsear ùr

Tha Daniel Camshron air uallach a' mhanaidseir a ghabhail air an t-seusan seo le Gareth Evans air seasamh sìos às dèidh trì bliadhna aig an stiùir.

Ged a tha an Camshronach air a bhith gu math toilichte le mar a tha an sgioba air a bhith a' cluich sa chiad sheusan aige san dreuchd, tha ag ràdh gu bheil iad air a bhith a' strì gu dona le cluicheadairean air an goirteachadh. Bhrist còignear cnàmh air choireigin bho thòisich an seusan.

Ach tha e ag ràdh gu bheil na h-òigridh agus cluicheadairean nach eil a' cluich gu tric air a bhith gu math cudromach dha agus gur e cho faisg 's a tha an sguad aige a tha gam fàgail dìreach aon phuing far mullach na Prìomh Lìge agus beò fhathast anns na cupannan air fad.

Fo-thiotal,

Tha an cupa seo air leth cudromach do Daniel Camshron agus an sgioba aige

Grant Profit

Tha seusan measgaichte air a bhith aig Caol Bhòid gu ruige seo.

Às dèidh dhaibh dà phuing a bhuannachadh an aghaidh Cheann Loch Seile sa Mhàrt, chluich iad sia geamaichean gun gin a chall - agus mar phàirt dhen t-sreath sin, choisinn iad puing aig an Dell an aghaidh Cheann a' Ghiùthsaich.

Ach tha manaidsear ùr Chaol Bhòid, Grant Profit, an dòchas gum bi iad air ais ann an sunnd Disathairne às dèidh dhaibh tuiteam a-mach à Cupa MhicAmhlaigh an aghaidh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal an t-seachdain sa chaidh, agus à Cupa na Camanachd an aghaidh Camanachd an Òbain fhèin aig deireadh a' Chèitein.

Tha Profit ag ràdh nach eil dòigh nas fheàrr ann dìoghaltas fhaighinn air na h-Òbanaich na a bhith a' dèanamh a' ghnothaich orra ann an cuairt dheireannach.

Fo-thiotal,

Tha Grant Profit an dòchas gum bi an sgioba aige air ais ann an sunnd an aghaidh Camanachd an Òbain

Pàirce Peterson

"'S e geama gu math farpaiseach a bhios ann agus spàirn gu leòr nam measg cuideachd", thuirt Iar-Cheann Suidhe Comann Ceilteach Ghlaschu, Aonghas MacAonghais, air thoiseach air a' chiad fhìdeag Disathairne.

"Tha an t-Òban air a bhith cho làidir am-bliadhna agus tha Caol Bhòid air a bhith suas agus sìos - chaill iad an aghaidh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal an t-seachdain sa chaidh agus bidh iad ag iarraidh tilleadh air ais bho sin agus a dhol a-mach gu cruaidh air a' phàirce", thuirt e.

Tha Aonghas pròiseil gum bi a' chuairt dheireannach air a cumail aig Pàirce Peterson, àite a tha air gu leòr de dhràma fhaicinn san fharpais seo thar nam bliadhnaichean.

Chan ann a-mhàin pròis a th' aige - tha e den bheachd gu bheil an fharpais seo glè chudromach.

"Tha e cianail fhèin cudromach airson iomain aig deas a chumail beò agus farpais airson sgiobaidhean a tha seo", thuirt Aonghas.

"Tha cunnart mòr aig deas a thaobh àireamhan agus neart 'son nan sgiobaidhean - chan eil ach dà sgioba sa Phrìomh Lìog agus tha an cupa seo a' toirt cothrom dha sgiobaidhean mar Ghlaschu is Inbhir Aora tighinn gu iar chuairtean dheireannach agus farpais a thoirt do na sgiobaidhean mòra a tha anns a' Phrìomh Lìog", thuirt e.

Fo-thiotal,

Aonghas MacAonghais

Bidh a' chuairt dheireannach ri fhaicinn beò air BBC ALBA leis an geama a' tòiseachadh aig 4:05f Disathairne.

Bidh e cuideachd ri chluinntinn air BBC Radio nan Gàidheal, am prògram a' tòiseachadh aig 3:30f.

Cluinnear ro-shealladh sa mhadainn Disathairne cuideachd air Spòrs na Seachdain air BBC Radio nan Gàidheal bho 09:00m.