An Gleann a' dol dhan Bhaile Ùr an Cupa na Camanachd

Gàirdeachas dha John Barr is Gleann Urchadain Disathairne is iad dìreach air Loch Abar a chur a-mach à Cupa na Camanachd
- Air fhoillseachadh
Chaidh an aon sgioba bhon Lìog Nàiseanta a tha air fhàgail ann an Cupa na Camanachd a thaghadh sa chairteal chuairt-dheireannaich air falbh an aghaidh na sgioba a bhuannaich an cupa an-uiridh.
Chuir Gleann Urchadain Loch Abar a-mach às a' chupa air buillean-peanais Disathairne ach tha duais gu math doirbh aca le turas a-nise gu Baile Ùr an t-Slèibh.
Faisg air làimh aig an Dell cuiridh Ceann a' Ghiùthsaich - a bhuannaich ann an 2022, 2023 is 2024, fàilte air Ceann Loch Seile, a bhuannaich ann an 2021.
Tha geama doirbh aig na Sgitheanaich an aghaidh a' Ghearasdain ach bidh iad toilichte co-dhiù gu bheil iad aig an taigh.
Sa gheama eile nì Cabar Fèidh an rathad chun an Òbain 'son cluich an aghaidh na h-aon sgioba à deas a tha air fhàgail.
Tha an taghadh mar a leanas:
Camanachd an Òbain - Cabar Fèidh
Baile Ùr an t-Slèibh - Gleann Urchadain
Camanachd an Eilein Sgitheanaich - An Gearasdan
Ceann a' Ghiùthsaich - Ceann Loch Seile
Bidh na geamaichean ann Disathairne an 11mh den Iuchar.