Lèine Peter the Great air a reic

- Air fhoillseachadh
Chaidh lèine ball-coise a bh' air fear de na cluicheadairean as ainmeile à thàinig às a' Ghaidhealtachd a-riamh a reic aig rùp 'son còrr is £2,500.
Bha an lèine air Peadar MacUilleim nuair a chluich e do dh'Alba an aghaidh Shasainn ann an 1907.
Rugadh MacUilleim air Sràid Earra-Ghàidheal ann an Inbhir Nis ann an 1879.
Thòisich e ann am ball-coise faisg air a dhachaigh le sgioba Thistle.
Chaidh è bho Phàirc Kingsmills gu Newcastle United far an do bhuannaich iad Cupa an FA is far an do choisinn e cliù a thug a-steach gu sgioba na h-Alba e.
Nuair a chaidh Spurs a sgoltadh air a' Ghàidhealtachd
Às dèidh dha sguir a chluich is air a ghoirteachadh ann an lèine na h-Alba, chaidh MacUilleim ann an 1912 a stèidheachadh mar mhanaidsear air Spurs.
Thug e buaidh mhòr air a' chluba is e dà thuras na mhanaidsear orra, gan stiùireadh gu Cupa an FA ann an 1921.
Taghta: Peadar MacUilleim
Sgeulachd iongantach Pheadair MhicUilleim à Inbhir Nis, “an Gàidheal as cliùtiche ann am ball-coise a-riamh”. Tha Dòmhnall Pollock a' bruidhinn ri ogha Pheadair, Ceit Pheutan.
Beagan mhìosan às dèidh sin, thug e Spurs dhan Ghàidhealtachd far an do chuir sgioba thaghte de chluicheadairean à Caley is Thistle an cèol air feadh na fìdhle is iad a' dèanamh a' ghnothaich air na Sasannaich 6-3 ann an geama càirdeil.
Bha fìor chlìu aig MacUilleim mar mhanaidsear is eòlaichean a' bhuill-choise fhathast ag ràdh gun tug e buaidh mhòr air manaidsearan ainmeil eile a thàinig às a dhèidh.

A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan ann an 2021, thuirt ogha Pheadair, Ceit Pheutan, gur e "an Gàidheal as cliùitiche ann am ball-coise a bh' ann riamh".
Tha Ceit air a bhith ag iomairt gus am faigh Peadar àite ann an Talla nan Gaisgeach aig an SFA.
Bha an lèine a chaidh a reic aig rùp aig a' chompanaidh Graham Budd an t-seachdain seo air MacUilleim ann an geama eadar Alba is Sasainn ann an 1907, geama a chrìochnaich 1-1.
Chluich Alba ann an dathan a' Mhorair Roseberry, a bha na cheann-suidhe urramach den SFA.
Bha a' chompanaidh air a ràdh gu bheil glè bheag de lèintean na h-Alba anns na dathan seo bhon àm air fhàgail ann an staid cho math.
Chaidh an lèine a reic airson £2,576.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh27 An t-Sultain 2021

- Air fhoillseachadh8 An t-Sultain 2021

- Air fhoillseachadh11 An t-Sultain 2023
