Buaidh mhòr dhan Bhac san Rubha

Gàirdeachas dhan Bhac an aghaidh an RubhaTùs an deilbh, Island Footie
  • Air fhoillseachadh

Shoirbhich leis a' Bhac is Càrlabhagh ann an geamaichean mòra an aghaidh nan nàbaidean aca ann an Lìog Leòdhais is na Hearadh oidhche Luain.

Chuir Connor MacAoidh am Bac 1-0 air thoiseach an aghaidh an Rubha aig Garrabost agus sin mar a dh'fhuirich cùisean domhain a-steach dhan dàrna leth.

Fhreagair na Rubhaich le 20 mionaid air fhàgail is tadhal aig Josh Mac a' Ghobhainn bhon spot.

Thàinig an tadhal a bhuannaich an geama dhan Bhac le sia mionaidean air fhàgail is John 'Mashie' MacLeòid a' cur a' bhuill dhan lìon às dèidh bùrach sa bhocsa.

Tha am Bac a-nise dìreach dà phuing air cùl an Rubha aig mullach na lìge is iad air geama nas lugha a chluich.

Bha na tadhail a' frasadh a-steach ann am Barbhas far an do chuir an Taobh Siar fàilte air Càrlabhagh.

Thòisich Càrlabhagh gu làidir is iad air thoiseach às dèidh dìreach dà mhionaid le breab-peanais bho Robbie MacCoinnich.

Ged a chuir Ali 'Barbhas' MacLeòid an Taobh Siar co-ionnan, dh'fhàg dà thadhal bho Hamish Dòmhnallach Càrlabhagh 3-1 air thoiseach aig lethach-slighe.

Fhuair Luke MacAoidh tadhal air ais dha na Siaraich tràth san dàrna leth is le seachd mionaidean air fhàgail chuir an dearbh chluicheadair tadhal eile gus an geama fhàgail co-ionnan 3-3.

Bha ùine fhathast 'son tadhail eile ge-tà, agus 's e Kenny 'Dokus' Dòmhnallach a fhuair e dha Càrlabhagh is iadsan a' buannachadh 4-3.

Bha cùisean nas chofhurtaile sa gheama eile is Aths a' buannachadh 4-0 an aghaidh na Hearadh.

Tha Aths ann an suidheachadh làidir is iad air na trì geamaichean aca gu seo a bhuannachadh is gun tadhal a leigeil a-steach fhathast.

Air Taobh Siar na Gàidhealtachd tha aona gheama ann oidhche Mhàirt is Caol Àcainn a' dol an aghaidh a' Ghearasdain ann an Cupa Rois.

Agus tha geama mòr ann an Lìog Uibhist is Bharraigh is na Barraich gus fàilte a chur air Beinn na Faoghla.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte