Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacLeòid (Iain Dubh Dhòmhnaill nan Òran) agus air a sheinn le: Ùisdean MacRath.
This is a song written by: Iain MacLeòid (Iain Dubh Dhòmhnaill nan Òran) and sung by: Ùisdean MacRath.
O mo mhàthair an Airnicreap, 's tràth chuir mi riut mo
chùl
Chan urrainn gu bheil fàbhar an t-Slànaighear gu
bhith a' cura leam;
Tha mise 'n seo gu stàiteil an dràsta 's mi fon an
iùil,
Air long nan crann àrda 's gun dàil oirre ach ruith gu
luath.
Ged tha mi 'n seo gu spòrsail, am bosun-mate os cionn
a' chriùth',
Thug an sealladh brònach na deòir a bhith ruith bho
m' shùil,
'S mi 'g amharc gun phròsbaig air mòintichean gleann mo
rùin
Air 'n do thogadh òg mi, 's na h-òighean tha 'n-diugh
fon ùir.
O's cuimhneach leam, a Mhàiri Chaimbeul, 's bu
chuimhneach leam thu bhith tàmh
Anns a' chnocan aoibhneach as t-samhradh a bhiodh cho
blàth;
Tha thu na do nighean spèiseil os cionn na bheil anns
an àit'-
'S e do theanga bhaindidh nach cluinnteadh a bhith cur
air càch.
'S gur mise bhiodh cho spòrsail Didòmhnaich a' dol don
ghleann
'S nighneagan an àite air an rathad a' dol dhan
taigh-sheinn,
'S iad air an còmhdach mar fhaoileag air sruth nan tonn
–
O ghruaidhean an aodann mar chaorann air bhàrr nam
meang.
O soraidh bhuam a dh'Anna Chaimbeul, 's tu
dh'fhaighneachdain an-diugh thar chàich;
Nuair a bhithinn tinn, 's e do bhrìodal a dhèanadh
slàn;
'S nuair a bhios mi trom, bidh mi cuimhneachadh ort a
ghnàth
Is mi togail d'fhonn, le fonn, leis a h-uile dàn.
Fhir a bhios a' feòrach no meòrach cò rinn an duan,
Innis gur e Leòdach a sheòl air a h-uile cuan,
'S a bhios aig an stiùir nuair a dhùisgeas na tonnan
uain' -
Nach sona dhutsa, Fhionnlaigh, gun do dh'ionnsaich
thu cur is buain.
Rugadh Ùisdean MacRath ann an Caileabost san Eilean Sgitheanach. Bha a mhàthair à Cill Mo Luthaig agus, mar a dh'innis e-fhèin air prògram Gàidhlig a' ...
Fiosrachadh air Ùisdean MacRath / Learn more about Ùisdean MacRathCopyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.