Ged a rinn Uilleam Ros bàrdachd de iomadh seòrsa – nam measg dàin molaidh, bàrdachd nàdair agus òrain èibhinn - 's ann airson nan òran gaoil aige as ainmeile a tha e agus gu h-àraidh na h-òrain a rinn e faisg air deireadh a bheatha ghoirid (chaochail e aig 28) do Mhòr Ros.
Tha na h-òrain seo an dà chuid làn faireachdainn agus air leth ealanta san dòigh sa bheil iad air an cur ri chèile agus tha iad gu h-àraidh drùidhteach anns an dòigh sa bheil iad a' toirt còmhla fhaireachdainn mun ghaol, mu shlàinte (bha a' chaitheamh air) agus mun dòigh a bha daoine a' dèanamh tàire air na daoine dha robh e (bha athair na cheannaiche-siubhail).
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
A' beachdachadh air gaol sa bhàrdachd
Ma thionndaidheas sinn gu na h-òrain gaoil, tha rudan aig Uilleam Ros far a bheil e, fhios agad, tha e cuir cùl ris na h-ìomhaighean coitcheann 's tha e bruidhinn air fhèin, air mar a tha an gaol ga chur a thaobh, fhios agad, tha e mar aonaran, tha daoine eile còmhla ach tha esan air a chur a-mach às a' chearcall leis a' ghaol, agus chan eil aige ach e fhèin. Agus tha e bruidhinn air na faireachdainnean aige, cho làidir sa tha e, 's nuair a tha bruidhinn air a' chaiptean Shasannach, an sgiobair Shasannach a tha toirt leis a' nighean a bha gaol air Uilleam oirre, tha thu a' faicinn lìonadh is tràthadh, gach faireachdainn far a bheil e, fhios agad, far a bheil bàidh ann is an uair sin fearg is diomb, agus an uair sin chan urrainn dha gun a bheannachd a thoirt dhan dithis aig deireadh an òrain. Feumaidh e beannachd fhàgail aig an dithis aca, bhon a tha an gaol a th' aige air an nighean cho iomallan. Chan eil sin as a' bhàrdachd, as na seann bhàird, chan eil gu dearbha.
Air adhart gu
BàrdachdBBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.