18mh linn / Uilleam Ros

Bàrdachd - An Suaithneas Bàn

Dàn 3

Cha do rugadh Uilleam Ros gu mu 15 bliadhna às dèidh Bliadhna Theàrlaich agus mar sin tha e nàdarrach gur e cianalas airson àm a dh'fhalbh a' phrìomh fhaireachdainn a tha a' tighinn am follais anns a' mharbhrann seo dhan Phrionnsa.


Tha an dàn làn iomraidhean air osnaich agus deòir, le fiù 's na h-eòin is na beanntan a' cur an cèill am faireachdainn mu bhàs a' Phrionnsa (seo an dòigh-sgrìobhaidh ris an canar pathetic fallacy sa Bheurla).


Tha Ros a' cleachdadh fhuaimean sòlaimte airson a chianalas a chur an cèill, mar an dòigh a tha 'ua' agus an 'à' air an snìomh còmhla san t-sèist, agus tha e a' cur ri seo le bhith cleachdadh seann Ghàidhlig fhoirmeil mar 'tìrte an caol-chist' lìomhta bhòrd'.


Chan e dàn-brosnachaidh a tha an seo oir bha an t-àm sin seachad: 's ann a tha Ros an seo a' cruthachadh, cha mhòr mar dhleastanas, cuimhneachan lìomhte, romansach dhan Phrionnsa agus do linn a tha seachad.


An Suaithneas Bàn

  • Air bhith dhòmhsa triall thar druim
  • Air Didòmhnaich 's còmhlan leam,
  • Leughas litir naidheachd leinn,
  • 'S cha sgeul ait a thachair innt'.
  • 'S trom leam m' osnaich anns gach là,
  • 'S tric mo smuaintean fad' o làimh;
  • Cluain an domhain, truagh an dàil,
  • Gur cobhartach gach feòil don bhàs.
  • Tha mo chrìdh' gu briste, fann,
  • 'S deòir mo shùl a' ruith mar allt;
  • Ge do cheilinn siud air àm,
  • Bhrùchd e mach 's cha mhiste leam.
  • Bha mi seal am barail chruaidh
  • Gun cluinnte caismeachd mun cuairt,
  • Cabhlach Theàrlaich thighinn air chuan,
  • Ach thrèig an dàil mi gu Là Luain.
  • 'S lìonmhor laoch is curaidh treun
  • Tha 'n diugh an Albainn às do dhèidh,
  • Iad os n ìosal sileadh dheur,
  • A rachadh dian leat anns an t-streup.
  • Tha gach beinn, gach cnoc, 's gach sliabh
  • Air am faca sinn thu triall
  • Nis air call an dreach 's am fiamh,
  • O nach tig thu chaoidh nan cian.
  • Bha 'n t-àl òg nach fhac' thu riamh
  • Ag altram gràidh dhut agus miadh,
  • Ach thuit an cridhe nis nan cliabh
  • On a chaidil thu gu sìor.
  • Ach biodh ar n-ùrnaigh moch gach là
  • Ris an Tì as àird' atà
  • Gun E dhìoladh oirnn gu bràth
  • Ar n-eucoir air an t-Suaithneas Bhàn.
  • Ach 's eagal leam, ge maith a' chlèir,
  • 'S gach sonas gheallar dhuinn lem beul,
  • Gum faicear sinn a' sileadh dheur
  • A chionn an t-Suaithneis Bhàin a thrèig.
  • Cuireamaid soraidh uainn gu rèidh
  • Leis na dh'imicheas an cèin
  • Dh'ionnsaigh 'n àit' 'n a laigh an reul
  • Dh'fhògradh uainn gach gruaim is neul.
  • Is biomaid toilichte leis na tha,
  • O nach fhaod sinn bhith nas feàrr;
  • Cha bhi ar cuairt an seo ach geàrr,
  • Is leanaidh sinn an Suaithneas Ban.
  • Soraidh bhuan don t-Suaithneas Bhàn,
  • Gu Là Luain cha ghluais on bhàs;
  • Ghlac an uaigh an Suaithneas Bàn –
  • Is leacan fuaraidh tuaim a thàmh.

An Suaithneas Bàn

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Wilma NicUalraig ag aithris An Suaithneas Bàn

Wilma NicUalraig ag aithris an dàn, An Suaithneas Bàn.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Uilleam Ros

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.