18mh linn / Uilleam Ros

Bàrdachd - Òran Cumhaidh

Dàn 2

Tha an t-òran a' tòiseachadh ann an dòigh caran spòrsail. Tha iadsan a bhios a' sgaoileadh naidheachdan mu dhaoine eile – na "tuathdaidhean" – a' faighneachd saoil dè chaidh ceàrr eadar am bàrd agus cuspair a' ghaoil. Uill, innsidh e dhaibh, tha e ràdh – ach ann an dòigh fhalaichte, tro sheann uirsgeul.


Dh'fheuch Cailean Cormac ri a bhristeadh-cridhe fhèin a chur às a chuimhne le bhith cluiche na clàrsaich (agus le falbh às an dùthaich) ach bha an gaol ro làidir agus cha deach leis. Tha an aon rud a' tachairt do Ros an seo oir, ged a chuir e roimhe a ghaol fhalach, tha e mu dheireadh ga chur an cèill ann an sreath rannan a tha cho brèagha is làn faireachdainn 's gu bheil iad air an seinn chun an latha an-diugh, mar eisimpleir na rannan a' tòiseachadh: "Gur binne leam do chòmhradh" agus "Carson nach d'rugadh dall mi?".


Tha Ros a' togail san dàn seo rudan a tha a' cur dragh air ged nach eil iad a' buntainn gu dlùth ri ghaol do Mhòr Ros, mar eisimpleir a shlàinte (mas e sin a tha "saighead air mo ghiùlan" a' samhlachadh) agus an tàmailt a tha air mu mar a tha daoine a' cur sìos air a staid san t-saoghal (gun diù dha na tàlantan aige) agus airson mar a dh'fhàg Mòr Ros an dùthaich ann an uimhir a chabhaig. Tha na rudan sin a' dèanamh an dàin nas onaraiche - agus na coileanta, a' gabhail a-steach gach taobh de a shuidheachadh.


Òran Cumhaidh

  • Gach fear a bhios a' feòraich
  • Mar leònadh le gaol mi,
  • Tha roghainn siud don tuataidh,
  • On 's dual da bhith smaointinn;
  • Chan aidich mi ach fòil e,
  • 'S cha mhò nì mi saoradh –
  • Thig m' ùr-sgeul bho Apòllo,
  • Mar sheolas an Naoinear.
  • Gur binne leam do chòmhradh
  • Na smeòrach nan geugan,
  • No cuach sa mhadainn Mhàighe,
  • 'S na clàrsach nan teudan,
  • Na 'n t-Easbaig air Là Dòmhnaich
  • 'S am mòr-shluagh ga èisteachd,
  • No ge do chunnte stòras
  • Na h-Eòrpa gu lèir dhomh.
  • Ach 's truagh gum beil do rùn-sa
  • Cho dùr dha mo leanmhainn,
  • 'S mo chridhe steach ga ghiùlan
  • A h-uile taobh dham falbh mi:
  • An cadal domh no dùsgadh,
  • A' sùgradh no seanchas,
  • Tha siud dam ruagadh daonnan,
  • 'S mi sgaoilte gun tearmann!
  • Ach fàgaidh mi mo dhuthaich,
  • Gun diùchnaich mi pàirt dheth,
  • Ro-mheud 's a thug mi rùn
  • Dha do chùl buidhe fàinneach;
  • Air triall dhomh thar m' èolais
  • A dh'ain deòin mo chàirdean,
  • Tha saighead air mo ghiùlan
  • A lùbas gu làr mi!

Òran Cumhaidh

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Wilma NicUalraig ag aithris Òran Cumhaidh

Wilma NicUalraig ag aithris an dàn, Òran Cumhaidh.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Uilleam Ros

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.