Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
Òran Eile
- Tha mise fo mhulad san àm,
- Chan òlar leam dram le sunnd;
- Tha durrag air ghur ann am chàil
- A dh'fhiosraich do chàch mo rùn;
- Chan fhaic mi dol seachad air sràid
- An cailin bu tlàithe sùil –
- 'S e sin a leag m' aigne gu làr
- Mar dhuilleach o bhàrr nan craobh.
- A ghruagach as bachlaiche cùl,
- Tha mise gad ionndrainn mòr;
- Ma thagh thu deagh àite dhut fèin,
- Mo bheannachd gach rè gad chòir;
- Tha mise ri osnaich nad dhèidh
- Mar ghaisgeach an dèis a leòn,
- Na laighe san àraich gun fheum,
- 'S nach tèid anns an t-sreup nas mò.
- 'S e dh'fhàg mi mar iudmhail air treud,
- Mar fhear nach toir spèis do mhnaoi,
- Do thuras thar chuan fo bhrèid,
- Thug bras shileadh dheur om shùil;
- B' fheàrr nach mothaichinn fèin
- Do mhaise, do chèill 's do chliù,
- No suairceas milis do bhèil
- As binne na sèis gach ciùil.
- Gach anduin' a chluinneas mo chàs
- A' cur air mo nàdar fiamh,
- A' cantainn nach eil mi ach bàrd
- 'S nach cinnich leam dàn as fiach –
- Mo sheanair ri pàigheadh a mhàil
- Is m' athair ri màileid riamh –
- Chuireadh iad gearrain an crann
- Is ghearrainn-sa rann ro cheud.
- Is fad' a tha m' aigne fo ghruaim,
- Cha mhosgail mo chluain ri ceòl,
- Mi 'm breislich mar ànrach a' chuain
- Air bharraibh nan stuagh ri ceò;
- 'S e ionndrainn d' àbhachd bhuam
- A chaochail air snuadh mo neòil,
- Gun sùgradh, gun mhire, gun uaill,
- Gun chaithream, gun bhuadh, gun treòir.
- Cha dùisgear leam ealaidh air àill',
- Cha chuirear leam dàn air dòigh,
- Cha togar leam fonn air clàr,
- Cha chluinnear leam gàir nan òg;
- Cha dìrich mi bealach nan àrd
- Le suigeart mar bha mi 'n tòs,
- Ach triallam a chadal gu bràth
- Do thalla nam bàrd nach beò.
Òran Eile
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
