Tha bàrdachd Sileas na Ceapaich a' gabhail a-steach poilitigs an ama – mar eisimpleir, òrain air blàr Sliabh an t-Siorraim – laoidhean spioradail, òrain aotrom (leithid comhairle do nighnean òga mu shuirighe) agus marbhrainn.
Tha cuid de na marbhrainn do leithid a' cheann-cinnidh, Alasdair à Gleann a Garradh, agus cuid eile dha teaghlach fhèin, is gu h-àraidh dha fear-pòsta is an nighean aice a chaochail an taobh a-staigh de sheachdain dha chèile. Tha mar sin bàrdachd Sìlis a' ruith air cuspairean 'poblach' agus 'pearsanta' agus, fiù 's ann a' bhàrdachd-cinnidh aice, tha uaireannan a faireachdainnean fhèin a' tighinn troimhe.
Tha Sìleas uaireannan a' cleachdadh nan sgilean traidiseanta bàrdachd, leithid an t-seann mheadrachd syllabic, ach glè thric 's e meadrachd ùr nan òran a tha aice. Tha e fìor a ràdh mar sin gu bheil i, mar bhana-bhàrd, air an starsaich eadar seann bhàrdachd oifigeil nan cinnidhean agus a' bhàrdachd ùr a bha dol a thighinn gu ìre nas fhaide air adhart san 18mh linn.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
An e rud annasach a bh' ann am boireannach ri bàrdachd?
Aig an àm as an robh Sìleas beò, cha shaoil mi gur e rud annasach a bh' ann gu robh boireannaich ri bàrdachd. 'S e 's dòcha rud a-mach às an àbhaist a bh' ann na cuspairean air a' robh Sìleas a' dèanamh bàrdachd. Tha fios againn gun d'fhuair bana-bhàird na bu tràithe, Màiri Nighean Alasdair Ruaidh, a càineadh leis gu robh i a' teannachadh ri amhrain molaidh a dhèanamh nuair nach robh còir aig boireannaich a bhith dèanamh ach cumha, tàladh agus amhrain-obrach, agus leis a' sin, chaidh Sìleas na b'fhaide buileach tarsainn air na crìochan a bha sin le bhith a' dèanamh dàin poilitigeach, le bhith dèanamh dàin molaidh dha cloinn fhèin, ach cuideachd gu robh i a' dèanamh dàin spioradail cuideachd. Bha i rudeigin a-mach às an àbhaist, ged a bha boireannaich a' dèanamh bàrdachd chan e an seòrsa bàrdachd a bha Sìleas a' dèanamh a bha 'd a' dèanamh.
Air adhart gu
BàrdachdBBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.