18mh linn / Sìleas na Ceapaich

Bàrdachd - Laoidh na Maidne

Dàn 3

Tha am bàrd an toiseach a' cleachdadh na maidne mar chosamhlachd, a' bruidhinn air sguabadh a-mach "luath a' pheacaidh", mar a ghlanas duine mach an taigh sa mhadainn, a' dèanamh deiseil airson latha ùr.


Tha i an uair sin a' toirt iomradh air "biast nan seachd cinn", is e sin na seachd peacannan, agus mar is eudar a' bhiast a mharbhadh le seachd saigheadan - ùrnaigh, cumail nan àithntean agus mar sin air adhart. Tha seo stèidhte ann an creideamh traidiseanta Caitligeach an ama sin.


Tha an dàn seo a' toirt dhuinn fosgladh-sùla air staid-inntinn a' bhana-bhàird, a dh'fhiosraich iompachadh spioradail aig àm àraidh na beatha, a rèir aithris an dèidh dhi a bhith glè thinn.


Laoidh na Maidne

  • Taing dhuit, a Dhia, chionn do ghibhtean,
  • On a tha mi nis air dùsgadh;
  • Thug do ghràs dhomh tàmh is cadal,
  • 'S inntrig sa mhadainn às ùr orm.
  • Fadaidh teine do ghràidh am chridhe;
  • Sguabamaid a-rithis an fhàrdach:
  • 'S math bu chòir an taigh a rèiteach
  • Am bi Mac Dhè a' gabhail tàmha.
  • Fuadaicheamaid uainn a-mach
  • A' bhèist air a bheil na seachd cinn,
  • A shluigeas sinn uile na craos
  • Mas urra i dh'fhaotainn orra gill.
  • Uabhar, sannt, drùis is craos,
  • Leisg, farmad agus fearg -
  • Sin na cinn a th' air a' bhèist
  • Bhios gach aon là sa bheinn a' sealg.
  • Tàirnidh i faghaid mun cuairt duinn
  • Mur robh ar buachaillean glic;
  • 'S gun dèan sinn dan comhairlean feum,
  • Marbhaidh sinn i fhèin 's a sliochd.
  • Saighead a chur ann a cridhe
  • Ar cainnt a bhith dligheil dearbhtach;
  • Dh'aon nì gum faic no gun cluinn sinn,
  • Cuireamaid cùl ri bhith feargach.
  • Saighead a chur ann a beul
  • Ar cainnt a bhith cèillidh glic,
  • Ar deòir a bhith air ar sùilean,
  • 'S dol air ar n-ùrnaigh gu tric.
  • Saighead a chur ann a casan
  • A bhith leanailt nan ceart cheuman
  • Gu imeachd an dèidh ar Slànaigheir
  • Air a' bhàir a rinn E fhèin duinn.
  • Saighead a chur ann a gàirdein
  • Gun do làmh gu meàirl' a shìneadh;
  • Ma bhios uireasbhaidh no càs ort,
  • A shireadh air càch gu sìobhalt'.
  • Ma gheibh sinn air a' bhèist ud tadhal,
  • 'S ar saighdean a chaitheamh air chòir,
  • Caillidh i a saothair 's a sealg;
  • Bidh ise marbh 's bidh sinne beò.

Laoidh na Maidne

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Wilma NicUalraig ag aithris Laoidh na Maidne

Wilma NicUalraig ag aithris an dàn, Laoidh na Maidne.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Sìleas na Ceapaich

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.