18mh linn / Sìleas na Ceapaich

Bàrdachd - Comhairle air na Nigheanan Òg

Dàn 2

'S e seo fear den dà dhàn a rinn Sìleas na Ceapaich a' comhairleachadh do chaileagan òga a bhith glic agus gun iad a bhith a' toirt gèill do bhrìodal meallta o "òig-fhear nam meall-shùil bòidheach le theangaidh leòmaich". Tha an dàn letheach eadar dibhearsain agus comhairle a tha i a' ciallachadh dha-rìribh (ged a tha i ag aideachadh nach robh i fhèin an còmhnaidh a' leantainn na comhairle seo na h-òige.)


Tha Sìleas a' cuimhneachadh dhan òigridh nach eil an saoghal an còmhnaidh cothromach ri boireannaich, le mòran gam meas "crìon" ma tha iad stuama agus "stròdhail" mura bheil: chanadh cuid gu bheil tomhas de dh'fhìrinn an sin chun an latha an-diugh.


Comhairle air na Nigheanan Òg

  • An toiseach m' aimsir is mo dhòigh ri bargan,
  • Gun robh mi 'g earbsa nach cealgte orm;
  • Cha chòmhradh cearbach air ro bheag leanmhainn
  • Bho aois mo leanabaidh chaidh fheuchainn dhòmhs';
  • Ach nis bho chì mi cor nan daoine,
  • An comunn gaolach gur faoin a ghlòr,
  • Cha dèan mi m' aontadh ri neach fon t-saoghal;
  • Chan eil gach aon diubh air aon chainnt beòil.
  • "Led theangaidh leacaich nam briathran tearca,
  • 'S e saobhadh t' fhacail dh'fhàg sac gam leòn;
  • Gu bheil mi 'g altram am thaobh an tacaid
  • A rinn mo ghlacadh 's mo ghreas' fon fhòid."
  • Mar shamhladh dha siud gaoth a' Mhàirt ud
  • Thig bho na h-àrdaibh 's nach taobh i seòl:
  • Nuair gheobh e mhiann dith, gun toir e bhriathra
  • Nach fhac' e riamh i, 's car fiar na shròin.
  • Bha mi uair nuair a bha mi 'm ghruagaich
  • Gum faighinn uaigneas gun fhios do chàch;
  • Mar shamhladh bruadair an diugh ga luaidh rium,
  • Gun dad de bhuanachd ach buaidh mar gnàth,
  • Na gealan glè mhòr a gheobhainn fhèin bhuap'
  • Air chor 's nach trèigeadh iad mi gu bràth;
  • A nis is lèir dhomh na rinn mi dh'eucoir
  • 'S a' mheud 's a dh'èist mi dam breugan bàth.
  • Ach, a fhearaibh òga, ge mòr nur bòilich,
  • 'S math 's aithne dhòmhsa cuid mhòr dur gnàths:
  • Gu barrail, bòidheach sibh tighinn am chòmhdhail,
  • Ler teangaidh leòmaich 's ler còmhradh tlàth;
  • Ghabhte ceòl leibh an aodann gòraig,
  • 'S mur bi i eòlach, gun gabh i à:
  • Nuair bhios e stòlda 's nuair gheobh e leòr dhith,
  • Gum bi Ochòin aic' an lorg bhith bàth.
  • A ghruagach chèillidh, na creid fhèin iad,
  • An car-fon-sgèith sin bhios ann an gràdh;
  • Chan eil san t-saoghal nach creid an saoradh,
  • Ach 's mise dh'fhaodadh a chaochladh ràdh;
  • Taobh an inntinn mar as cinnteach,
  • Is theirig aotrom air ghaol thoirt dàibh:
  • Dh'aindeoin fhocail 's a bhriathra brosgail,
  • Na dèan do lochd leis an t-sochair-dhàil.
  • Am fear a thriallas a dhol a dh'iarraidh
  • Na mnà as miannaiche bhios da rèir,
  • Gur cailin shuairc i nach fhuiling mì-stuamachd,
  • No dhol an uaigneas le neach fon ghrèin;
  • Mar shamhladh bha siud, a bhrìgh a nàire,
  • Dhol nas dàine na mànran bèil;
  • Bheir fear gun riaghailt an sin a bhriathar
  • Gu bheil i fiata 's nach fhiach a gnè.

Comhairle air na Nigheanan Òg

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


Teacsa

Wilma NicUalraig ag aithris Comhairle air na Nigheanan Òga

Wilma NicUalraig ag aithris an dàn, Comhairle air na Nigheanan Òga.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Sìleas na Ceapaich

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.