20mh linn / Ruaraidh MacThòmais

Cuspairean

Tha eachdraidh agus dòigh-beatha Leòdhais a' nochdadh tric anns a' bhàrdachd aig Ruaraidh MacThòmais. Tha an dàimh a tha eadar e fhèin agus eilean àraich a' tighinn am follais a-rithist 's a-rithist, agus e a' ceasnachadh ciamar agus carson a tha an ceangal ag atharrachadh. Ged a tha e a' toirt sùil chruaidh air pàirtean den dòigh-beatha, mar eisimpleir an eaglais, tha tòrr blàiths anns na dàin seo. Tha a' Ghàidhlig agus a dualchas aig cridhe na bàrdachd.


Ach, ged is e Leòdhas agus a' Ghàidhlig prìomh-stèidh a bhàrdachd, tha grunn chuspairean eile a' nochdadh ann am bàrdachd MhicThòmais cuideachd. Nam measg, beatha a' bhaile mhòir (gu h-àraidh baile Ghlaschu) agus gaol is poilitigs. Tha nàiseantachd tric a' tighinn am follais.


Ged a tha a' bhàrdachd aige tric a' togail cheistean mòra agus cudromach, tha grunn de na dàin ag èirigh à tachartasan beaga, sìmplidh. Uaireannan bidh an neach-labhairt ann an dàn, mar eisimpleir, a' faicinn no a' cluinntinn rudeigin, no a' smaoineachadh air abairt àraidh, a bhios ga tharraing na inntinn gu àite no àm eadar-dhealaichte no gu bhith a' beachdachadh air cuspair àraidh.


Anns na bliadhnaichean mu dheireadh tha Ruaraidh MacThòmais air fàs gu h-àraidh sgileil air sgrìobhadh aoirean goirid geur-chainnteach air raon mhòr de chuspairean.


Tha e a' dèanamh tòrr feum de ìomhaighean na chuid bàrdachd. Mar as trice chan eil aon chiall shònraichte aig na dàin aige: tha e ga fhàgail an urra ris an leughadair brìgh a thoirt às na h-ìomhaighean.


B' e Ruaraidh MacThòmais a' chiad bhàrd a chleachd saor-rannaigheachd gu ìre mhòr sam bith ann an Gàidhlig agus tha mòran bhàird Ghàidhlig air a leantainn. Tha tòrr ciùil agus ruitheam làidir anns na rannan aige, còmhla ri beairteas, geurad cànain agus ruithimean làidir.


Teacsa

Na rudan mu sgìre fhèin a bha ga mhisneachadh

Bha cnoc beag air an robh Hòl dìreach air cùl an taigh sgoile. Nuair a bha mi a' fàs suas tha mi smaoineachadh gu robh tarraing gu math làidir aig an t-saoghal bheag a bha timcheall oirnn agus aig an t-seòrsa aimsir a bh' ann 's na ràitheachan 's na flùraichean 's am fraoch 's na h-ainmhidhean beaga a bha a' gluasad timcheall oirnn 's na cuileagan, 's na h-eòin 's a h-uile càil dhen t-seòrsa sin.

Bha na rudan sin, tha mi smaoineachadh gun dh' fhuirich iad beò agus gun tug iad buaidh gu math tric air mar a bha mi a' smaoineachadh agus ri tìde, mar a bha mi a' sgrìobhadh, mar a bha na rudan a' tighinn gu chèile. Bhiodh sinn a' cluich air Hòl 's air a' mhòintich an sin, agus mu mhìle air falbh bha cruinneachadh beag de thursaichean.

Cha robh sinn a' dèanamh cus beachdachaidh no smaoineachaidh air cò às a thàinig iad no carson a bha iad ach dìreach a' leum timcheall orra 's a' leum suas gu mullach nan clachan beaga 's a' leum sìos leithid sin.

Air adhart gu

Bàrdachd

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.