Tha eachdraidh agus dòigh-beatha Leòdhais a' nochdadh tric anns a' bhàrdachd aig Ruaraidh MacThòmais. Tha an dàimh a tha eadar e fhèin agus eilean àraich a' tighinn am follais a-rithist 's a-rithist, agus e a' ceasnachadh ciamar agus carson a tha an ceangal ag atharrachadh. Ged a tha e a' toirt sùil chruaidh air pàirtean den dòigh-beatha, mar eisimpleir an eaglais, tha tòrr blàiths anns na dàin seo. Tha a' Ghàidhlig agus a dualchas aig cridhe na bàrdachd.
Ach, ged is e Leòdhas agus a' Ghàidhlig prìomh-stèidh a bhàrdachd, tha grunn chuspairean eile a' nochdadh ann am bàrdachd MhicThòmais cuideachd. Nam measg, beatha a' bhaile mhòir (gu h-àraidh baile Ghlaschu) agus gaol is poilitigs. Tha nàiseantachd tric a' tighinn am follais.
Ged a tha a' bhàrdachd aige tric a' togail cheistean mòra agus cudromach, tha grunn de na dàin ag èirigh à tachartasan beaga, sìmplidh. Uaireannan bidh an neach-labhairt ann an dàn, mar eisimpleir, a' faicinn no a' cluinntinn rudeigin, no a' smaoineachadh air abairt àraidh, a bhios ga tharraing na inntinn gu àite no àm eadar-dhealaichte no gu bhith a' beachdachadh air cuspair àraidh.
Anns na bliadhnaichean mu dheireadh tha Ruaraidh MacThòmais air fàs gu h-àraidh sgileil air sgrìobhadh aoirean goirid geur-chainnteach air raon mhòr de chuspairean.
Tha e a' dèanamh tòrr feum de ìomhaighean na chuid bàrdachd. Mar as trice chan eil aon chiall shònraichte aig na dàin aige: tha e ga fhàgail an urra ris an leughadair brìgh a thoirt às na h-ìomhaighean.
B' e Ruaraidh MacThòmais a' chiad bhàrd a chleachd saor-rannaigheachd gu ìre mhòr sam bith ann an Gàidhlig agus tha mòran bhàird Ghàidhlig air a leantainn. Tha tòrr ciùil agus ruitheam làidir anns na rannan aige, còmhla ri beairteas, geurad cànain agus ruithimean làidir.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
Dè bhiodh ga ghluasad gu sgrìobhadh?
Bhithinn tric anns na bliadhnaichean a chaidh seachad a' dol a-steach a mheadhan Ghlaschu, gu Central Station agus a' gabhail cofaidh ann an sin, 's a' toirt sùil timcheall agus a' tòiseachadh a' sgrìobhadh. Bha sin a' tachairt glè thric.
Bha e an còmhnaidh a' dùsgadh m' inntinn, tha mi smaoineachadh, a bhith a' faicinn cho neònach 's a bha daoine, agus na dòighean diofraichte a bh' aca as bith càite an deigheadh tu no dè an t-sràid air am faiceadh tu iad.
Air adhart gu
BàrdachdBBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.