Tha eachdraidh agus dòigh-beatha Leòdhais a' nochdadh tric anns a' bhàrdachd aig Ruaraidh MacThòmais. Tha an dàimh a tha eadar e fhèin agus eilean àraich a' tighinn am follais a-rithist 's a-rithist, agus e a' ceasnachadh ciamar agus carson a tha an ceangal ag atharrachadh. Ged a tha e a' toirt sùil chruaidh air pàirtean den dòigh-beatha, mar eisimpleir an eaglais, tha tòrr blàiths anns na dàin seo. Tha a' Ghàidhlig agus a dualchas aig cridhe na bàrdachd.
Ach, ged is e Leòdhas agus a' Ghàidhlig prìomh-stèidh a bhàrdachd, tha grunn chuspairean eile a' nochdadh ann am bàrdachd MhicThòmais cuideachd. Nam measg, beatha a' bhaile mhòir (gu h-àraidh baile Ghlaschu) agus gaol is poilitigs. Tha nàiseantachd tric a' tighinn am follais.
Ged a tha a' bhàrdachd aige tric a' togail cheistean mòra agus cudromach, tha grunn de na dàin ag èirigh à tachartasan beaga, sìmplidh. Uaireannan bidh an neach-labhairt ann an dàn, mar eisimpleir, a' faicinn no a' cluinntinn rudeigin, no a' smaoineachadh air abairt àraidh, a bhios ga tharraing na inntinn gu àite no àm eadar-dhealaichte no gu bhith a' beachdachadh air cuspair àraidh.
Anns na bliadhnaichean mu dheireadh tha Ruaraidh MacThòmais air fàs gu h-àraidh sgileil air sgrìobhadh aoirean goirid geur-chainnteach air raon mhòr de chuspairean.
Tha e a' dèanamh tòrr feum de ìomhaighean na chuid bàrdachd. Mar as trice chan eil aon chiall shònraichte aig na dàin aige: tha e ga fhàgail an urra ris an leughadair brìgh a thoirt às na h-ìomhaighean.
B' e Ruaraidh MacThòmais a' chiad bhàrd a chleachd saor-rannaigheachd gu ìre mhòr sam bith ann an Gàidhlig agus tha mòran bhàird Ghàidhlig air a leantainn. Tha tòrr ciùil agus ruitheam làidir anns na rannan aige, còmhla ri beairteas, geurad cànain agus ruithimean làidir.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
Mar a bhios e a' sgrìobhadh dhàin
Uill, tha mi smaoineachadh gu bheil iomadach dòigh ann. Uaireannan thig rud a-steach no thig facal no dhà thugad agus canaidh tu riut fhèin, ghabhadh dàn a dheànamh timcheall air an sin. 'S dòcha a chur aig an toiseach no sa mheadhan no aig an deireadh. Agus tha mi smaoineachadh gu bheil sin a' dùsgadh ìomhaighean cuideachd, agus tha sin a' cur cruth air a' bhàrdachd.
Air adhart gu
BàrdachdBBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.