20mh linn / Ruaraidh MacThòmais

Bàrdachd - Srath Nabhair

Dàn 2

Tha Ruaraidh MacThòmais a' toirt sealladh dhuinn an seo air rud a thachair ann an Srath Nabhair an Cataibh aig àm nam Fuadaichean san 19amh linn. 'S e sin, mar a chaidh seann bhoireannach a chur a-mach às a dachaigh air òrdan a' bhàillidh, Pàdraig Sellar, agus mar a chaidh a fàgail air a' bhlàr-a-muigh, far an do chaochail i.


Anns a' chiad rann tha an neach-labhairt a' coimhead suas dhan adhar agus a' faicinn rionnag a' priobadh agus tha seo a' cuimhneachadh dha (no dhi) mar a thachair air an oidhche ud, gu h-àraidh air na sradagan nuair a chaidh taigh an teaghlaich a chur na theine. Tha MacThòmais a' cleachdadh ìoranas gu sgileil an seo. An àite a ràdh gun deach am mullach a thoirt bhon taigh, tha e a' ràdh gun deach an taigh a thughadh 'le bleideagan sneachda' - 's e sin ri ràdh, gun deach fhàgail fosgailte ris na siantan.


Anns an dara rann tha e ag innse mar a chaidh an t-seann bhoireannach a shlaodadh a-mach às an taigh agus a fàgail a-muigh air cnoc. Tha e a' taghadh faclan an seo a tha air an cleachdadh anns a' Bhìoball mu Ìosa: 'bha nid aig eunlaith an adhair … ged nach robh àit aicese anns an cuireadh i a ceann fòidhpe'. Tha ìoranas an seo a-rithist. Tha MacThòmais ag ràdh gun do rinn muinntir a' bhàillidh seo airson cho diadhaidh is a bha iad – 'a shealltainn cho eòlach 's a bha iad air an Fhìrinn' - nuair is ann a tha an rud a rinn iad a' sealltainn cho mì-dhiadhaidh 's a tha iad agus cho fada o theagasg Ìosa.


San rann mu dheireadh tha e a' tighinn chun latha an-diugh agus chun an t-seallaidh a tha fa chomhair: na srathan far an deach na daoine fhuadach às an dachaighean ach a tha a-nise cho brèagha agus cho ciùin mar nach do thachair na rudan sin riamh. Tha e a' coltachadh seo ri seann bhoireannach a dh'fhuiling tòrr pèin no bròin ach a tha air sìth fhaighinn tro chreideamh agus a tha a' sealltainn na sìth sin na sùilean.


Srath Nabhair

  • Anns an adhar dhubh-ghorm ud,
  • àirde na sìorraidheachd os ar cionn,
  • bha rionnag a' priobadh ruinn
  • 's i freagairt mireadh an teine
  • ann an cabair taigh m' athar
  • a' bhliadhna thugh sinn an taigh le bleideagan sneachda.
  • Agus siud a' bhliadhna cuideachd
  • a shlaod iad a' chailleach don t-sitig,
  • a shealltainn cho eòlach 's a bha iad air an Fhìrinn,
  • oir bha nid aig eunlaith an adhair
  • (agus cròthan aig na caoraich)
  • ged nach robh àit aicese anns an cuireadh i a ceann fòidhpe.
  • A Shrath Nabhair 's a Shrath Chill Donnain,
  • is beag an t-iongnadh ged a chinneadh am fraoch àlainn oirbh,
  • a' falach nan lotan a dh'fhàg Pàdraig Sellar 's a sheòrsa,
  • mar a chunnaic mi uair is uair boireannach cràbhaidh
  • a dh'fhiosraich dòrainn an t-saoghail-sa
  • is sìth Dhè 'na sùilean.

Srath Nabhair

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Dòmhnall I MacÌomhair ag innse carson a tha Srath Nabhair a còrdadh ris

An uair a bhios duine a' leughadh bàrdachd na linne seo fhèin no co-dhiù a' bhàrdachd as ùire anns an linn seo, tha e caran duilich taghadh a dhèanamh air dè bu chòir do neach a thogail.

Thagh mi bàrdachd a-mach às an fhicheadamh linn a tha ann an dòigh a' sealltainn air ais ach a tha a' teagaisg rudeigin dhuinn aig a' cheart àm. 'S e sin a' bhàrdachd Srath Nabhair a chaidh a sgrìobhadh leis an t-Ollamh Ruaraidh MacThòmais.

Nise tha am bàrd ann an seo a' cur sìos ann am beagan bhriathran, ach ann am briathran a tha gu math toinnte, nan smuaintean a tha aige fhèin mu rud a thachair bho chionn fhada agus 's e sin Fuadach nan Gàidheal, rud a bha a' buadhachadh cho mòr air ar daoine is air a' Ghàidhealtachd agus bhuadhaich e airsan cuideachd, chun na h-ìre 's gu robh e ga mheas mar chuspair a bha ga ghluasad gu bàrdachd a dhèanamh.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Ruaraidh MacThòmais

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.