
Chuir Ruaraidh MacThòmais ùine seachad ann am Feachd Rìoghail an Adhair eadar 1941 agus 1945. An dèidh dha ceumnachadh, bha e a' teagaisg ann an Oilthighean ann an Dùn Èideann, Obar Dheathain agus Glaschu. Ann an 1963 ghabh e obair Àrd-Ollaimh Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu far an robh e os cionn na roinne gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1991.
Thar nam bliadhnaichean, chuir e gu mòr ri obair foillseachaidh ann an Gaìdhlig. Stèidhich e an ràitheachan Gairm ann an 1952 airson sgrìobhadh Gàidhlig a bhrosnachadh agus b' e am fear-deasachaidh a bh' air gu 2002. Stèidhich e cuideachd Comhairle nan Leabhraichean ann an 1968.
Tha 8 cruinneachaidhean den bhàrdachd aige fhèin air a bhith air am foillseachadh, nam measg An Dealbh Briste (1951), Creachadh na Clàrsaich (1982) agus Sùil air Fàire (2007), agus tha na sgrìobhaidhean aige air nochdadh ann an iomadh iris. Sgrìobh e grunn leabhraichean eile cuideachd, nam measg dhà a tha gu sònraichte cudromach ann a bhith a' cur fìosrachadh mu chultar agus bàrdachd na Gàidhlig mu choinneamh a' mhòr-shluaigh, An Introduction to Gaelic Poetry (1974) agus Companion to Gaelic Scotland (1983).
Am measg nan duaisean a fhuair e, b' e a' chiad dhuine a choisinn Duais Ossian ann an 1974, chaidh Duais Oliver Brown a thoirt dha ann an 1984 airson bàrdachd agus obair mar shàr sgoilear na Gàidhlig agus chaidh Ceum Urramach DLitt a thoirt dha bho Oilthigh Ghlaschu san Ògmhios 2007.
Phòs e Carol Nic a' Bhreatannaich ann an 1952, bana-sheinneadair a choisinn Bonn Òir A' Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd Dhùn Èideann ann an 1951, agus bha sianar chloinne aca.
Chaochail Ruaraidh ann an Glaschu air an 21mh den Mhàirt 2012.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
Am bàrd ag innse mu Dhuais Ossian
Fred MacAmhlaidh: Beagan sheachdainean air ais fhuair Ruaraidh MacThòmais, Ollamh nan Cànan Ceilteach ann an Oilthigh Ghlaschu Urram Ossian. Ach cha bhiodh e idir na iongnadh ged nach biodh fios agaibhse dè an t-urram a tha sin oir 's ann am bliadhna fhèin a chaidh a stèidheachadh. 'S e buidheann thall ann am Hamburg sa Ghearmailt, an F.V.S. Foundation a chuir seo air bhonn agus bhon bhliadhna seo a-mach, bidh an t-urram air a chur air neach ma seach sa Roinn Eòrpa a tha a' dèanamh obair sgairteil is ionmholta às leth cànan is dualchas a dhaoine fhèin. Agus chan ann air na dùthchannan mòra cumhachdadh a bhithear a' coimhead idir, ach air na sluaigh bheaga a tha gu dìcheallach a' gleidheadh an dualchais a dh'aindeoin buaidh nan rìoghachdan mòra.
Tha sinn moiteil dha-rìribh gur e Ruaraidh MacThòmais à Leòdhas a fhuair an t-urram a' chiad bhliadhna a thugadh seachad e. Agus tha fios 'am gum bu toil leibh gun cuirinn meal an naidheachd air, air ar sgàth uile a tha ag èisteachd.
Buaidh agus piseach dhut a Ruaraidh anns gach freumh anns a bheil thu an sàs. Saoil an inns thu tuilleadh dhuinn mun F.V.S. Foundation, dè th' ann?
Ruaraidh MacThòmais: Uill tha eagal orm nach urrainn dhomh an t-uabhas innse dhut Fred. Tha a' bhuidheann a tha seo a' toirt seachad duaisean airson litreachas agus obair phoilitigeach agus obair de chaochlach ghnèthean air feadh na Roinn Eòrpa. Tha 'd air a bhith am bith a-nise còrr is dà fhichead bliadhna, tha mi a' smaoineachadh. 'S iad a tha a' toirt seachad Duais Shakespeare airson litreachas is ceòl agus gnothaichean dhen t-seòrsa sin ann am Breatainn. Agus fhuair ar caraid Edward Heath duais bhuapa cuideachd bho chionn bliadhna no dhà. Chan eil fhios 'am dè cho toilichte 's a tha mi a bhith anns an aon leabaidh ris a' ghille sin.
FM: Gu mì-shealbhach cuideachd, fhuair e barrachd airgid ort thug mi an aire gu mòr.
RM: Chan eil gearan sam bith agam mun sin!
FM: Rud eile a bha a' cur iongnadh orm ged a tha e follaiseach gu leòr gur ann an taice ri litreachas a tha iad, dè thug orra ainm Ossian a thoirt a-steach dhan ghnothach.
RM: Uill, chan e an t-Ossian air a bheil a' chuid mhòr againn eòlach a th' aca anns an amharc idir. An Ossian sin a leig Seumas Mac a' Phearsain ma sgaoil anns an ochdamh linn deug. Tha cuimhn' 'am tòiseachadh ag obair air a' chuspair a bha seo nuair a bha mi nam oileanach ann an Obar Dheathain, dà bhliadhna as dèidh a' chogaidh agus lean mi orm a' dèanamh na h-uiread de dh'obair air a' chuspair ann an Cambridge. Thàinig leabhar às an sin, a' feuchainn ri mìneachadh a dhèanamh air dè rinn Seumas Mac a' Phearsain no Seumas MacMhuirich, dè a' bhunait a bh' aig an eadar-theangachadh a thug e dhuinn.
Air adhart gu
CuspaireanBBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.