18mh linn / Rob Donn MacAoidh

Cuspairean

Ged a rinn Rob Donn, cleas bàird eile na 18mh linn, bàrdachd molaidh, nàdair agus gaoil, 's ann airson nan aoirean aige as ainmeile a tha e.


Tha seo a' gabhail a-steach òrain dì-molaidh - 'aoirean' san t-seagh thraidiseanta Ghàidhlig – ach rinn Rob Donn cuideachd bàrdachd a tha nas coltaiche ri satire na Beurla, far a bheil e a' toirt breith air dol-a-mach dhaoine agus bhuidhnean, leithid: an dà spìocaire nach do rinn an dara cuid math no cron fad am beatha, ministearan saoghalta a tha coimhead air an dreuchd "mar fhasan", uachdarain aig nach eil san amharc ach dèanamh airgid agus bàird "nach amais air fìrinn".


Tha e cuideachd ainmeil airson na mac-mheanmna agus a' gheurad cainnte a tha e a' cur gu feum anns na h-òrain èibhinn aige. Tha e gu h-àraidh math air faighinn gu cnag na cùise gu sgiobalta, a' cur mòran brìgh ann am beagan fhaclan sgaiteach.


'S e tachartasan ionadail a tha a' gluasad Roib Dhuinn gu bàrdachd mar as trice – san t-seagh sin dh'fhaodaiste a ràdh gur e 'bàrd baile' a tha ann - ach, anns na dàin as fheàrr aige, tha e tarraing às na suidheachaidhean ionadail sin fìrinnean a tha a' seasamh chun an latha an-diugh.


Tha cuid den bharail gun robh buaidh aig bàrdachd Alexander Pope - air eadar-theangachadh dha - air Rob Donn agus gun teagamh tha mac-talla de na balanced couplets aig Pope ann an loidhnichean mar "Cha mhol duin' ac' thus' mach o esan, 's cha chreid duin' ac' esan ach thus'".


Tha cuid eile den bheachd gun robh buaidh aig an dùsgadh shoisgeulach a bha air tòiseachadh ann an Cataibh ri linn air a bhàrdachd. A rèir choltais tha tomhas de fhìrinn sa bheachd sin cuideachd, ged is ann ann an co-theacsa saoghalta seach spioradail a tha moraltachd Roib Dhuinn mar as trice air a cur an cèill.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Bha e a' cleachdadh ìomhaighean gu math geur

Tha mi smaoineachadh, a' rud as ainmeil airson a bheil Rob Donn, a' sgil as motha a th' aig Rob Donn.. a tha Rob Donn a' sealltainn na bhàrdachd, 's e cho geur 's a tha e air a theanga, agus an dòigh a th' aige air rudan a chuir ann am beagan bhriathran, gu math sgaiteach.

Ach cha chanainn gu bheil e làidir, gu bheil e dèanamh mòran feum de dh'ìomhaighean, no gu bheil e làidir air a' phuing sin, ach tha e bho àm gu àm a' cleachdadh nan ìomhaighean cuideachd as na h-aoirean aige.

Mar eisimpleir, rinn e bàrdachd dha na ministearan a bha dol aig an àm, bha e smaoineachadh gu robh tòrr aca nach robh uabhasach spioradail, gu robh iad dìreach a-mach.. 's e mic uachdarain, no fir-tac, no leithid sin a bh' annta, 's cha robh iad a-mach, bha e smaoineachadh gu robh sin dìreach.. an airgead 's an talamh a bha tighinn le dreuchd a' mhinistear, agus rinn e òran mun deidhinn-san, agus tha e cleachdadh ìomhaighean gu math geur ann a' shin airson cuir sìos orra, rudan mar -

"Co a dh' itheadh gu sunndach Am biadh a dhiùltadh an còcair?"

- mar eisimpleir, nach robh iad a' toirt seachad eisimpleir uabhasach math. Rud eile a bh' aige 's e, anns an aon dàn sin, 's e -

"Tha iad mar sligean na caislinn, Bhith'r a' cosnadh 's an t-samhradh, Gheibh thu fichead dhiù falamh, Mu 'n aon anns am bi neamhnaid."

Agus rud eile a th' aige cuideachd, tha e caran, rud beag doirbh a leantainn am fear seo, ach tha e bruidhinn air, nach robh an teagaisg aca, nach robh iad an còmhnaidh a' leantainn air an aon phuing, gu robh iad a' leum bho bheachd gu beachd eile. Mar eisimpleir, gu robh fear dhiubh a chanadh aon Là Sàbaid gur e gràs an aon rud a bha cudromach dhut, 's an ath sheachdain chanadh e gur e obraichean a' rud a cudromach, 's bha e ràdh, uill –

"Nì iad itealaich àrd, 'S ni iad màgaran ìosal air an talamh;"

- 's tha e crìochnachadh le –

"O nach eun e 's nach luchag, Ni e trusdair do dh' ialtag."

Bha e eadar an dà rud. Mar sin bha e cleachdadh ìomhaighean, ach, cha b' e sin an dòigh a bh' aige mar.. 's e dìreach geurad cainnt is geurad smuain as motha a tha tighinn troimhe 's a' bhàrdachd aige, seach sin.

Air adhart gu

Bàrdachd

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.