18mh linn / Rob Donn MacAoidh

Bàrdachd - Marbhrann do Iain Mac Eachainn

Dàn 2

Ged a bha dàimh phearsanta eadar am bàrd agus Iain MacEachainn, tha am marbhrann seo barrachd mun dòigh-beatha a tha Mac Eachainn a' riochdachadh – 's e fear-tac a bha ann a ghabh cùram mòr dhan t-sluagh aige – agus mar a tha sin a' dol à cleachdadh. Tha an dàn na sgàthan air gluasad sòisealta a bha a' tachairt aig an àm seo a bha a' tionndadh cheann-cinnidh nan luchd-gnothaich cruaidh agus a thàinig gu ceann anns na Fuadaichean. Tha Rob Donn a dh'aon ghnothaich a' cur MhicEachainn fa chomhair òigridh an latha mar mhodail air mar a bu chòir dhaibh iad fhèin a ghiùlain nuair a thig iadsan gu bhith nan uachdarain.


Tha am bàrd a' cur seo tarsainn, mar as àbhaist, gu breithneachail agus geur, ag ràdh mu na h-uachdarain ùra seo gu bheil iad "laghail gu litireil" agus "a' pàigheadh gu maltach na bhios ac' air a chèile" ach gu bheil "an sporan 's an sùilean cheart cho dùint' air an fheumnach". Mu MhacEachainn air an làimh eile tha e ràdh, "B' fheàrr leat punnd às do chuid bhuat na unnsa cudrom air d' inntinn".


San rann mu dheireadh tha Rob Donn a' toirt a bheachd air bàird eile agus air ceàird an sgrìobhaiche, rud nach fhaighear tric an litreachas Gàidhlig ron 20mh linn.


Marbhrann do Iain Mac Eachainn

  • Dearbh, cha b' ionann do bheatha
  • 'S do fhir tha fathast an caomhnadh
  • Thionail airgead is fearann
  • 'S bidh buidheann eile gan sgaoileadh,
  • Bhitheas fèin air an gearradh
  • Gun ghuth an caraid gan caoineadh,
  • Air nach ruig dad de mholadh
  • Ach "Seall sibh fearann a shaor iad!"
  • Ach nam b' urrainn mi, dhùraichdinn
  • Do chliù-s' chur an òrdugh
  • Ann an litrichibh soilleir
  • Air chor 's gum beir na daoin' òg air,
  • Oir tha t' iomradh-s' cho feumail
  • Don neach a thèid ann ad ròidibh
  • 'S a bha do chuid, fhad 's bu mhaireann,
  • Don neach bu ghlainne an stòras.
  • ***
  • Fhir nach d' ith mìr le taitneas
  • Nam b' eòl duit acrach san t-saoghal;
  • Fhir a chitheadh am feumnach
  • Gun an èigh aig' a chluinntinn;
  • B' fheàrr leat punnd de do chuid uait
  • Na unnsa cudthruim air d' inntinn;
  • Thilg thu t' aran air uisgeach'
  • 'S gheibh do shliochd iomadh-fillt' e.
  • ***
  • ***
  • 'S tric le marbhrannan moltach
  • A bhios cleachdach sna dùthchaibh s'
  • Gum bi coimeasgadh masgaill
  • Tighinn a steach annt' na dhriùchdan;
  • Ach ged bhithinn-s' air mo mhionnan
  • Don Tì tha cumail nan dùl rium,
  • Cha do luaidh mi mun duine s'
  • Ach buaidh a chunnaic mo shùil air.

Marbhrann do Iain Mac Eachainn

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


Teacsa

Teàrlach Quinnell ag aithris Marbhrann do Iain Mac Eachainn

Teàrlach Quinnell ag aithris an dàn, Marbhrann do Iain Mac Eachainn.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Rob Donn MacAoidh

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.