Marbhrann do Chloinn Fhir Taigh Ruspainn
- Nan laighe 'n seo gu h-ìosal
- Far na thiodhlaic sinn an triùir
- Bha fallain, làidir, inntinneach
- Nuair dh'inntrig a' Bhliadhn' Ùr;
- Cha deachaidh seachad fathast
- Ach deich latha dhith o thùs;
- Ciod fhios nach tig an teachdair' s' oirnn
- Nas braise na ar dùil?
- Am bliadhna thìm bha dithis diubh
- Air tighinn on aon bhroinn,
- Bha iad nan dà chomarad
- O choinnich iad nan cloinn;
- Cha d' bhris an t-aog an comann ud,
- Ged bu chomasach dha 'n roinn,
- Ach gheàrr e snàthainn na beatha s' ac'
- Gun dàil ach latha 's oidhch'.
- Aon duine 's bean on tàinig iad,
- Na bràithrean seo a chuaidh;
- Bha an aon bheatha thìmeil ac'
- 'S bha 'n aodach dan aon chluaimh;
- Mun aon uair a bhàsaich iad,
- 'S bha 'n nàdar dan aon bhuaidh;
- Chaidh 'n aon siubhal dhaoine leo
- 'S chaidh 'n sìneadh san aon uaigh.
- Daoine nach d' rinn briseadh iad
- 'S e fiosrachail do chàch,
- 'S cha mhò a rinn iad aon dad
- Ris an can an saoghal gràs,
- Ach ghineadh iad, is rugadh iad,
- Is thogadh iad, is dh'fhàs;
- Chaidh stràc dan t-saoghal thairis orr',
- 'S mu dheireadh fhuair iad bàs.
- Nach eil an guth seo labhrach
- Ris gach aon neach againn beò,
- Gu h-àraidh ris na seann daoinibh
- Nach d' ionnsaich an staid phòst',
- Nach gabh na tha na dhleastanas
- A dheasachadh an lòn,
- Ach caomhnadh nì gu falair dhaibh
- 'S a' falach an cuid òir?
- Cha chaith iad fèin na rinn iad,
- Agus oighreachan cha dèan,
- Ach ulaidhnean air shliabh ac'
- Bhios a' biathadh chon is eun.
- Tha iad fon aon dìteadh
- Fo nach robh 's nach bi mi fhèin,
- Gur duirche, taisgte 'n t-òr ac'
- Na nuair bha e 'n tòs sa mhèinn.
- Freastal glic an Àrd Rìgh:
- Dh'fhàg e pàirt de bhuidheann gann,
- Gu feuchainn iochd is oileanachd
- Dan dream dan tug e meall.
- Carson nach tugtadh pòrsan
- Dhen cuid stòrais aig gach àm
- Do bhochdannaibh a dheònaicheadh
- An còrr a chur na cheann?
- An dèidh na rinn mi rùsgadh dhuibh –
- Tha dùil agam gun lochd –
- 'S a liuthad focal fìrinneach
- A dhìrich mi nur n-uchd,
- Tha eagal orm nach èist sibh
- Gu bhith feumail don a' bhochd
- Nas mò na rinn na fleasgaich ud
- A sheachdain gus a-nochd.
Marbhrann do Chloinn Fhir Taigh Ruspainn
Tha an rann ainmeil seo a' toirt dealbh air na bràithrean mar dhaoine nach do rinn an dara cuid math no cron fad am beatha
Tha an dòigh sa bheil an riochd 'fulangach' air a chleachdadh – m.e. 'ghineadh', 'rugadh' - gu h-àraidh sgileil. Chaidh an dithis tro cheumannan nàdarra mar breith agus fàs: thachair rudan dhaibh ach cha do ghabh iad fhèin riamh grèim air cùrsa am beatha.
Tha 'stràchd' a' tighinn o thomhas gràin no flùir: nuair a bhiodh an soitheach làn bha maide air a tharraing thairis air a' bhàrr – sin 'stràchd'.
Tha an loidhne mu dheireadh ag ainmeachadh bàs an dithis cha mhòr anns an dol-seachad – 'mu dheireadh fhuair iad bàs': cha robh am beatha cudromach is cha mhò a tha am bàs.
