19mh linn / Niall MacLeòid

Beachdan

Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhàrdachd aig Niall MacLeòid, cuide ri beachdan air an clàradh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.

Meek, D. E. (2003)

""Nuair a Chuimhnicheam an Cuilithionn": Àite Samhlachail na Tìre is Cruth na Tìre ann am Bàrdachd Ghàidhlig na Naoidheamh linn Deug" ann an Cruth na Tìre, dd. 18-20

Cruth na Tìre

Gu tric gheibhear an dà chuid an dealbh làidir is an dealbh lag – an dealbh seadhach agus an dealbh tiamhaidh, neo-sheadhadh – taobh ri taobh 's iad a' dol an aghaidh a chèile. Tha an cothlamadh seo a' dùsgadh cianalais is ionndrainn agus tha e anabarrach follaiseach anns an òran aig Niall MacLeòid, "Fàilte don Eilean Sgiathanach". Is dòcha gur h-e seo an t-òran dùthcha as fhèarr a rinn Niall. Tha samhladh air leth làidir aige den Chuilithionn – an t-Àrd-mhaitheas – aig toiseach an dàin. Gheibhear an uair sin dòrlach de na samhlaidhean a bha air am mìneachadh aig Seumas Beattie...air an cur còmhla; ach tha an còrr den dàn (an dèidh s. 25) air a lìonadh le mulad is bròn is caoidh airson nam feartan 's nan làithean a dh'aom. Tha gach nì a tha math air bàsachadh, agus 's e an Cuilithionn a-mhàin a tha a' mairsinn...

Tha e follaiseach bho na dealbhan aig toiseach an dàin gu robh Niall glè mhoiteil às an Eilean Sgiathanach, agus gu robh e comasach air a' mhoit sin a chur an cèill le tomhas de neart. Tha greadhnachas gruamach an Eilein air a dheagh riochdachadh (ss. 1-24), agus tha uaisleachd is cumhachd anns an dealbh. Ach gu mì-fhortanach cha robh Niall fhèin comasach air neart nam beann a chur gu feum dhà fhèin neo da shluaigh anns an linn san robh e beò. Bha a smuaintean uile air a' choimhearsnachd a bh' ann o shean, mar a bha smuaintean Dhonnchaidh Bhàin is Iain MhicLachlainn is Uilleim MhicDhunlèibhe. Tha an "leòghann" (s. 10) a' samhlachadh neart is mòralachd nam beann, ach tha I cuideachd a' riochdachadh cumhachd nan làithean a dh' fhalbh, agus 's e sin as adhbhar gu bheil Niall a' dol fodha a' cheann thall ann am boglaichean na tiamhaidheachd. Tha an sealladh a' sìor theàrnadh leis an leathad, agus 's e dìlseachd a dh'aindeoin a' chaochlaidh do choimhearsnachd mharbh – agus chan e dìlseachd do choimhearsnachd bheò – ceann-crìche an dàin seo (ss. 65-72).

Teacsa

Bha e a' dèanamh dealbhan bòidheach

Ma sheallas tu air leithid An Gleann san Robh mi Òg, tha e a' dèanamh dealbhan cho bòidheach, a h-uile rud cho brèagha. Ach chan eil guth, 's dòcha gu bheil dà loidhne, taighean a' dol fàs, rudan mar sin, ach chan eil guth air na daoine agus bha 'd ann an tèis-mheadhan aimhreit an fhearainn. Agus carson nach tug e iomradh air an sin, iomradh na bu chruaidhe no na bu shoilleire? 'S e ceist mhòr a tha sin.

Air adhart gu

Ceanglaichean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.