19mh linn / Niall Macleòid

Bàrdachd - A' Bhean Agam Fhìn

Dàn 3

Tha an t-òran èibhinn seo ann am briathran fear a ghabh an deoch aig banais agus a tha air a mhealladh le bòidhchead nìghne a tha mu choinneamh anns an ruidhle: tha an dràma bheag seo air a toirt beò dhuinn gu h-ealanta san òran. Tha an duine a' gabhail an aithreachais às dèidh "Anna NicCuinn" a phòsadh, nuair a tha e tionndadh a-mach nach eil i idir cho taitneach is a bha e an dùil.


Tha buaidh Music Hall a' bhaile mhòir ri fhaicinn sa chuspair a thagh MacLeòid an seo agus anns an dòigh a tha e ga làimhseachadh, ach tha e a' tarraing cuideachd an seo air dualchas a' bhàird-baile (ged is ann sa bhaile-mhòr). Tha an t-òran seo gu h-àraidh èifeachdach nuair a tha e air a sheinn ann an guth sòlaimte san t-seann nòs.


A' Bhean Agam Fhìn

  • An oidhche bha banais
  • An taigh Choinnich Dhuinn
  • A chunnaic mi chaileag
  • Bha ceanalta grinn,
  • A dhannsadh cho loinneil
  • 'S a sheinneadh cho binn,
  • 'S bha mise mu coinneamh
  • A' togail an fhuinn.
  • Bha gruaidh mar na ròsan
  • Cho bòidheach 's cho mìn,
  • 'S a cuailean cho clannach
  • Na charan mun chìr,
  • 'S bha mise fom anail
  • A' cantainn rium fhìn,
  • 'S e aingeal air thalamh
  • Tha 'n Anna NicCuinn.
  • Nuair fhuair mi a mach i
  • Ri fasgadh an tuim,
  • Bha solas na gealaich
  • Cho glan os ar cinn,
  • Gun tug mi dhi gealladh,
  • Mur rachainn don chill,
  • Gum biodh i fo Challainn
  • Na bean agam fhìn.
  • Is chùm mi mo ghealladh
  • Ri Anna NicCuinn:
  • Mun tàinig a' Challainn
  • Bha ise na mnaoi;
  • 'S chan eil i cho maiseach
  • No idir cho binn
  • 'S a bha i mum choinneamh
  • An taigh Choinnich Dhuinn!
  • 'N àm èirigh sa mhadainn
  • Tha Anna cho tinn,
  • Cha ghluais i à leabaidh
  • Gu 'm faigh i cuid ;
  • 'N sin suidhidh i tacan
  • A' tachas a cinn,
  • 'S ma chanas mi facal,
  • Tha 'm bata mum dhruim.
  • Bha mhadainn gu feasgar
  • Cha deasaich i nì,
  • Bho dhoras gu doras
  • Ri conas is strì;
  • Ma tha i na h-aingeal,
  • 'S ann air an taobh chlì,
  • 'S tha fhios aig a' bhaile
  • Nach math leatha sìth.
  • Ma labhras mi duineil
  • Ga cumail fo chìs,
  • Chan eil annam ach 'burraidh'
  • Is 'duine gun bhrìgh';
  • Mu choinneamh gach facail
  • Tha aicese trì –
  • Chan eil fàilinn san teangaidh
  • Aig a' bhean agam fhìn.
  • An dè bha i carraid
  • Ri bean Iain 'IcAoidh,
  • 'S thug Anna dhe mullach
  • An currac le sgrìob;
  • Tha plàigh na mo thalla -
  • Ach chan abair mi bìd,
  • 'S cha chòir dhomh bhith gearan
  • Mun bhean agam fhìn.
  • Ach bheirinn mar earail
  • Air balaich na tìr',
  • Ma bhios iad aig banais
  • Is drama nan cinn,
  • Na tugadh iad gealladh
  • Do chaileig a chaoidh
  • Gun fhios no gun aithne
  • Cò as, no cò i.

A' Bhean Agam Fhìn

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


Teacsa

Teàrlach Quinnell ag aithris A' Bhean Agam Fhìn

Teàrlach Quinnell ag aithris an dàn, A' Bhean Agam Fhìn.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Niall Macleòid

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.