19mh linn / Niall Macleòid

Bàrdachd - Fàilte don Eilean Sgitheanach

Tha an dàn seo eadar-dhealaichte on a' mhòr-chuid de bhàrdachd Nèill MhicLeòid mun Eilean Sgitheanach oir, ged a tha an cianalas àbhaisteach ann, tha sin fo smachd aige an seo.


Tha an dàn goirid, le cruth teann air. Tha tòrr den chunntas air a chur an cèill tro ìomhaighean agus tro cheòl na rannaigheachd agus tha e gar fàgail le dealbh bhrèagha den Eilean agus na tha e a' ciallachadh dhan bhàrd.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Fàilte don Eilean Sgitheanach

  • O, failt' air do stùcan,
  • Do choireachan ùdlaidh,
  • Do bheanntainean sùghmhor
  • Far an siùbhlach am meann!
  • Tha 'n geamhradh le Dhùbhlachd
  • Mu na meallaibh a' dùnadh,
  • 'S gach doire le bhùirean
  • Air a rùsgadh gu bonn.
  • Chì mi an Cuilitheann
  • Mar leòmhann gun tioma,
  • Le fheusaig den t-sneachd
  • Air a phasgadh mu cheann;
  • 'S a ghruaidhean a' srùthladh
  • Le easannan smùideach
  • Tha tuiteam nan lùban
  • Gu ùrlar nan gleann.
  • Do chreagan gu h-uaibhreach
  • Mar challaid mun cuairt dut,
  • 'S na neòil air an iomairt
  • A' filleadh mum bàrr,
  • 'S am bonn air a sguabadh
  • Le srùthlaichean gruamach
  • Bho bhàrcadh a' chuain
  • A' toirt nuallain air tràigh.
  • O, càit 'eil na gaisgich
  • A dh'àraich do ghlacan
  • Bu shuilbhire macnas
  • Mu stacan a' cheò?
  • Le fùdar ga sgailceadh
  • Bhon cuilbhearan glana,
  • 'S na mial-choin nan deannaibh,
  • Nach fannaich san tòir.
  • Na laoich nach robh meata
  • Ri aodann a' bhatail,
  • Nach aomadh gu taise
  • Ri caismeachd an nàmh;
  • Chan eil raon agus machair
  • Air 'n do sgaoil iad am bratach
  • Nach d' fhàg iad an eachdraidh
  • Gun mhasladh dan àl.
  • Ach tha 'm fàrdaichean sguabte
  • 'S an seòmraichean uaine,
  • Iad fhèin is an gaisge
  • Nan cadal fon fhòd;
  • 'S tha osag nam fuar-bheann
  • Le h-osnaidhean gruamach
  • Gan caoidh mu na cruachan
  • 'S a' luaidh air an glòir.
  • O, càit 'eil gach sòlas
  • Bha agam nam òige,
  • Toirt meal' às na ròsan
  • Mud chòsagan tlàth?
  • Tha companaich m' eòlais
  • Air am fuadach bhon còmhnaidh,
  • Tha mhil air a deòthal
  • 'S na ròsan gun bhlàth.
  • Ach 's caomh leam do ghleanntan,
  • Do shrathan 's do bheanntan,
  • 'S an ceò tha na chadal
  • Air baideal nan àrd;
  • Na ciabhagan torrach,
  • Na srònagan corrach,
  • 'S na sruthan ri coireal
  • Don eilid 's da h-àl.
  • Guma buan a bhios d' eachdraidh,
  • Agus cliù aig do mhacaibh,
  • Gus an crìonar an talamh
  • 'S am paisgear na neòil!
  • Fhad 's bhios siaban na mara
  • A' bualadh air carraig,
  • Bidh mo dhùrachd gun deireas
  • Do dh'Eilean a' Cheò!

Fàilte don Eilean Sgitheanach

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


Teacsa

Teàrlach Quinnell ag aithris Fàilte don Eilean Sgitheanach

Teàrlach Quinnell ag aithris an dàn, Fàilte don Eilean Sgitheanach.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Niall Macleòid

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.