19mh linn / Niall Macleòid

Bàrdachd - Fàilte don Eilean Sgitheanach

Tha an dàn seo eadar-dhealaichte on a' mhòr-chuid de bhàrdachd Nèill MhicLeòid mun Eilean Sgitheanach oir, ged a tha an cianalas àbhaisteach ann, tha sin fo smachd aige an seo.


Tha an dàn goirid, le cruth teann air. Tha tòrr den chunntas air a chur an cèill tro ìomhaighean agus tro cheòl na rannaigheachd agus tha e gar fàgail le dealbh bhrèagha den Eilean agus na tha e a' ciallachadh dhan bhàrd.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Fàilte don Eilean Sgitheanach

  • O, failt' air do stùcan,
  • Do choireachan ùdlaidh,
  • Do bheanntainean sùghmhor
  • Far an siùbhlach am meann!
  • Tha 'n geamhradh le Dhùbhlachd
  • Mu na meallaibh a' dùnadh,
  • 'S gach doire le bhùirean
  • Air a rùsgadh gu bonn.
  • Chì mi an Cuilitheann
  • Mar leòmhann gun tioma,
  • Le fheusaig den t-sneachd
  • Air a phasgadh mu cheann;
  • 'S a ghruaidhean a' srùthladh
  • Le easannan smùideach
  • Tha tuiteam nan lùban
  • Gu ùrlar nan gleann.
  • Do chreagan gu h-uaibhreach
  • Mar challaid mun cuairt dut,
  • 'S na neòil air an iomairt
  • A' filleadh mum bàrr,
  • 'S am bonn air a sguabadh
  • Le srùthlaichean gruamach
  • Bho bhàrcadh a' chuain
  • A' toirt nuallain air tràigh.
  • O, càit 'eil na gaisgich
  • A dh'àraich do ghlacan
  • Bu shuilbhire macnas
  • Mu stacan a' cheò?
  • Le fùdar ga sgailceadh
  • Bhon cuilbhearan glana,
  • 'S na mial-choin nan deannaibh,
  • Nach fannaich san tòir.
  • Na laoich nach robh meata
  • Ri aodann a' bhatail,
  • Nach aomadh gu taise
  • Ri caismeachd an nàmh;
  • Chan eil raon agus machair
  • Air 'n do sgaoil iad am bratach
  • Nach d' fhàg iad an eachdraidh
  • Gun mhasladh dan àl.
  • Ach tha 'm fàrdaichean sguabte
  • 'S an seòmraichean uaine,
  • Iad fhèin is an gaisge
  • Nan cadal fon fhòd;
  • 'S tha osag nam fuar-bheann
  • Le h-osnaidhean gruamach
  • Gan caoidh mu na cruachan
  • 'S a' luaidh air an glòir.
  • O, càit 'eil gach sòlas
  • Bha agam nam òige,
  • Toirt meal' às na ròsan
  • Mud chòsagan tlàth?
  • Tha companaich m' eòlais
  • Air am fuadach bhon còmhnaidh,
  • Tha mhil air a deòthal
  • 'S na ròsan gun bhlàth.
  • Ach 's caomh leam do ghleanntan,
  • Do shrathan 's do bheanntan,
  • 'S an ceò tha na chadal
  • Air baideal nan àrd;
  • Na ciabhagan torrach,
  • Na srònagan corrach,
  • 'S na sruthan ri coireal
  • Don eilid 's da h-àl.
  • Guma buan a bhios d' eachdraidh,
  • Agus cliù aig do mhacaibh,
  • Gus an crìonar an talamh
  • 'S am paisgear na neòil!
  • Fhad 's bhios siaban na mara
  • A' bualadh air carraig,
  • Bidh mo dhùrachd gun deireas
  • Do dh'Eilean a' Cheò!

Fàilte don Eilean Sgitheanach

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


Teacsa

Cò mu dheidhinn a tha a' bhàrdachd?

Cò mu dheidhinn a tha Fàilte don Eilean Sgitheanach? Tha e mu dheidhinn an Eilean Sgitheanach, tha mar a tha an t-ainm ag innse dhuinn. Tha e a' cur fàilte air an eilean, tha e a' moladh an eilean, tha e a' moladh gu h-àraidh an Cuilitheann a tha seasamh shuas ann a' siud cho daingeann, agus tha e a' moladh nan daoine nach eil a-niste ann, na saighdearan a bha uair ann agus a tha a-niste air falbh gun sgeul orra.

Tha dòigh cho annasach aige air a bhith bruidhinn air na fuadaichean, chan eil e a-rithist ga innse a mar a tha e. Chunna mi 'n àiteigin cuideigin a' toirt iomradh air a' seo, nach eil a' bhàrdachd seo nas mo, gu bheil e car a' cur fiaradh air an fhìrinn agus a' cantainn, tha sreathan ann, "Chì mi an Cuilitheann Mar leòmhann gun tioma, Le fheusaig den t-sneachd Air a phasgadh mu cheann". Agus, chan eil cuimhne 'am càite 'n robh seo sgrìobhte, ach bha 'n duine a bh' ann a' dèanamh seòrsa de mhagadh air a' seo, 'chan eil fiasag air leòmhann, 's e muing a th' air leòmhann', agus 'co-dhiù cha bhiodh tu pasgadh d'fhiasaig mu do cheann'.

'S e rud gòrach a bh' ann, bha mise a' smaoneachadh, duine sam bith a chunnaic leòmhann agus duine sam bith a chunnaic an Cuilitheann fo shneachd, no fiù 's as aonais sneachd, chì 'ad gur e fìor dheagh ìomhaigh a tha sin an neart aig a' Cuilitheann agus cho fìor eagalach sa tha i a thuilleadh air a bhith eagach cuideachd. Sin agad ìomhaigh a tha sònraichte làidir, tha mi creidsinn gur e sin an ìomhaigh as fheàrr a tha san òran air fad, An Cuilitheann mar leòmhann gun tioma.

'S e dìreach, ann an dòigh, bha mi beachdachadh air a' seo, tha e mar gum biodh e a' sgrìobhadh litir a dh'ionnsaigh a' Cuilitheann. Agus aig an dìreadh, an àite a bhith cantainn is mise le meas, no is mise le spèis, no ge b' e air bith dè, tha e cantainn, "Guma buan a bhios d' eachdraidh, Agus cliù aig do mhacaibh, Gus an crìonar an talamh 'S am paisgear na neòil!" 'S e fìor bheannachd dha-rìribh a tha sin, agus tha mi smaoineachadh a h-uile Sgitheanach a chluinneas an t-òran gu bheil 'ad ag èirigh air an casan nuair a thig chun an deireadh a tha sin. Tha e anabarrach làidir dha na Sgitheanach, chan eil fhios 'am ciamar a tha daoine eile ga fhaicinn.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Niall Macleòid

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.